Bean an Lagain
’S droch bhoireannach a bh’ innte a bha ri mòran olc, bha i ri iomadh nì nach gabhadh ainmeachadh. Aon nì sònraichte bhiodh i dèanamh, bhiodh i a' dol dhan Fhraing a h-uile h-oidhche, ’s bha i a' coinneachadh an sin dhà dheug dhe na bana-chompanaich aice. Bha iad a’ toirt oidhcheannan ag òl fìon anns na seilearan, ’s a' dèanamh mòran olc.
Bha i tighinn dhachaigh anns a’ mhadainn an-còmhnaidh. An dòigh air an robh i a' dol an sin, ’s e bhith marcachd an sgalag aice an cruth eich. Bha sin a' dol air adhart car ùine gus an robh an gille òg seo a’ fàs bochd, ’s a shlàinte briseadh air, ’s gur gann a b’ urrainn dha seasamh air a chasan. Bha ise tighinn a h-uile oidhche agus falbh leis, agus cha b’ urrainn dha thuigsinn ciod e bha cur às dha. Anns a’ mhadainn bha e ag èirigh ’s e cho sgìth pronnte, ’s cha robh e tuigsinn air an t-saoghal ciod e bha cur air.
Aon oidhche, thuirt an gille, an sgalag, bha cuide ris: “Laigh thusa nam thaobh-sa dhen leabaidh a-nochd, agus laighidh mise nad thaobh-sa.” Dh’fhuirich an sgalag na dhùsgadh, gus an d’ thàinig an t-àm do Bhean an Lagain tighinn a-staigh. Thàinig ise mar b’ àbhaist dhi, rinn i ris mar chleachd i ris an fhear eile. Anns a’ mhionaid bha e air a chasan, ’s e air thionndadh na each, ach dh’fhuirich a thur aige leis nach do chaidil e, agus riamh cha do dhìochuimhnich e na facail a thuirt i.
Dh’fhalbh i leis, ràinig i An Fhraing, is chuir i staigh dhan stàball e. Chaidh ise an sin, mar a chleachd i, choinneachadh a bana-chompanaich fhèin anns na seillearan fìon, ’s iad ris na h-uile olc b’ urrainnear smuaineachadh air. Nuair a bha ise ullamh, thàinig i far an robh an t-each sa stàball, ach eadar an dà thìm rinn e an gnothach air an t-srian a thoirt bhon cheann aige. Bha e a' fritheal oirre nuair a thàinig i, ’s bhruidhinn e rithe. ’S a’ mhionaid ’s an do bhruidhinn e rithe, bha ise air tionndadh na capall. Chuir e an t-srian innte agus mharcaich e dhachaigh leatha.
Theireadh i ris air an rathad dol dhachaigh, “gu dè bhiodh iad ag ràdh ann am Bàideanach aig àm dol laighe?”
“Coma leatsa sin an-dràsta, marcaich thus’ an ainm do mhaighstir!”
Ràinig iad dhachaigh, ’s chuir e anns an stàball i. Cheangail e an t-srian gu tèarainte innte, gus nach b’ urrainn dhi toirt às, ’s dh’fhalbh e laighe an uair sin.
Anns a’ mhadainn, dh’èirich a mhaighstir, ’s chunnaic e gun robh capall brèagha anns an stàball. B’ iongantach leis nach robh an sgalag ag èirigh, ach dh’aithnich e gun robh e as a’ bhaile. Chaidh e chun an dorais, ’s ghnog e. Thuirt an sgalag ris, “Tha mi tighinn.”
Fhreagair a mhaighstir, “Na biodh cabhag ort; tha mi tuigsinn gun robh thu as a’ bhaile an-raoir.”
“Bha mi sgrìob bheag as a’ bhaile,” thuirt e.
“’S anabarrach brèagha an capall a tha thu air faighinn.”
“Cheannaich mi raoir i, ach reicidh mi riutsa i.”
Rinn iad bargan, matà, ’s cheannaich a mhaighstir an seo an capall, ’s thuirt e ris an sgalag: “Thèid thu a Chinn a’ Ghiùsaidh, ’s gheibh thu cruidhean aotrom oirre.”
Dh’fhalbh an gille leatha. Fhuair e cruidhean aotrom oirre. Thug e dhachaigh a Lagan i. Thachair a mhaighstir air, ’s thaitinn i ris anabarrach math, ’s thuirt e ris an sgalag, “Tha mi anabarrach toilichte leis a’ chapall sin.”
Fhreagair an sgalag e, “Tha mi buidheach à sin, ach,” thuirt e ris, “ged a reic mi an capall riut, cha do reic mi an t-srian.”
“O,” thuirt a mhaighstir, “cha dèan e diofar, thoir aiste an t-srian.”
Thug e an t-srian aiste, ’s bha a bhean aige an sin air a bheulaibh na seasamh, agus ceithir cruidhean oirre. Chuir e uabhas anabarrach air an duine aice, ’s nuair a chunnaic e mar a bha chùis, thuirt e: “O bhò, an ann mar seo tha na cùisean a-nis!” ‘’S thuirt e ris an sgalag: “Cuir an t-srian innte, rach dhan cheàrdaich leatha, ’s thoir na cruidhean dhi.”
Rinn e mar dh’iarr a mhaighstir air, ’s dh’fhalbh e leatha, ’s thug e na cruidhean dhi. Thàinig e dhachaigh leatha an sin. Thug e aiste an t-srian, ’s bha i na Bean an Lagain mar chleachd i, ach cha deach i riamh tuilleadh dhan Fhraing.