Main content

Palla na Maighdinn

Tha ann an Loch Claidh, air an taobh a tuath, mar a thèid sibh staigh gu uachdar an loch, leana ghorm fo bhonn creigeadh ris an canar Palla na Maighdinn. ’S iongantach gu bheil fios aig mòran dhaoine mar a fhuair an t-àite sa an t-ainm; agus seo mar a chuala mise mar a fhuair an t-àite ’n t-ainm.

Bha uaireigin daoine fuireach ann an uachdar Loch Bhrolaim, man deachaidh na daoine chur air falbh, a-null thairis, cuid aca. Bha tuathanach àraid a’ fuireach anns an àite seo ann an uachdar Loch Bhrolaim, aig an robh ochdnar chloinnne. ’S bha searbhant’ aige às na Hearadh, nighean òg a bh’ air seirbhis aige.

Nuair a bhiodh an nighean airson a dhol dhachaigh a choimhead air a pàrantan, ‘s ann le eathar a bhiodh an duine dha cur dhachaigh, agus bhiodh e dha cur air tìr ann an Caolas Sgalpaigh agus bhiodh i coiseachd às a sin gu dachaigh. Nuair a thòisich e an toiseach ga cur dhachaigh leis an eathar, b’ àbhaist dha bhith tilleadh an oidhche sin gu dhachaigh ann an uachdar Loch Bhrolaim. Ach mu dheireadh, ’s ann a bhiodh e toir oidhch’ air falbh man tilleadh e, agus ’s ann a theann a bhean a’ gabhail droch amharas nach robh cùisean mar bu chòir eadar an t-searbhanta agus an duine.

An latha bha seo thuirt an t-searbhanta gu robh aicese ri dhol dhachaigh, agus dh’aontaich an duine gun cuireadh e dhachaigh i mar a chleachd e. Sheòl an t-eathar air falbh an làirne-mhàireach à uachdar Loch Bhrolaim. Bha latha brèagha ann agus bha a ghaoth fàbharrach.

Nuair a thàinig an oidhche, ’s a chuir bean an tuathanaich a’ chlann a chadal – bha mullach gealaich ann ’s bha ’n t-sìde socair – rinn i às tarsainn a’ mhonaidh, ’s nuair a nochd i os cionn Loch Claidh rinn i mach gu robh eathar air acaire ann an uachdar an loch, agus mhothaich i do cheò às àirigh a bhiodh aig iasgairean ghiomach, ann an taobh an loch.

Chrom i sìos air a socair gu fiaiteach gun d’ fhuair i gu bàrr a’ bhalla – balla na h-àirigh – agus nuair a sheall i staigh an talan far am biodh a’ cheò a’ dol a-mach, mhothaich i gu robh an duin’ aice fhèin agus an t-searbhanta ann an sèid roinich air an làr. Agus bha teine aca air a chur air, agus bha prais air an teine. An ceann treiseag thuirt an t-searbhanta ris an duine gu robh an t-àm aige a’ phrais a thoir far an teine, gu robh i smaoineachadh gu robh na maragan a-niste bruich.

Dh’èirich an duine 's thug e a' phrais far an teine, agus chuir e mach i chun an dorais airson gu fuaraicheadh i. Chrom am boireannach far na tobhtadh gu fiaite socair. Fhuair i grèim air a’ phrais, is thill i air ais suas dhan luidheir far an robh i roimhe, agus bha an t-searbhanta dìreach foidhpe anns an t-seid – bha an duine a’ pirteanachadh an teine. Cha do rinn i càil ach a’ phrais a dhòrtadh air an nighinn bhochd na sìneadh anns an t-seid agus rinn i às tarsainn a’ mhonaidh dhachaigh.

An làirne-mhàireach thàinig an duin’ aice dhachaigh ach cha do leig i càil oirre, agus thuirt e rithe nach robh an t-searbhanta dol a thilleadh, ’s thuirt ise gu robh sin ceart gu leòr. Ach co-dhiù nuair a dh’fhàs pàrantan na h-ighneadh, nuair a bha iad a’ gabhail iongnadh nach robh ’n nighean a’ tighinn dhachaigh, thàinig iad air tòir na h-ighneadh, agus thàinig air an duine an uairsin innse mar a thachair.

Agus thuirt e gun do thiodhlaic e an nighean – gun do bhàsaich an nighean a’ mhadainn sin – agus gun do thiodhlaic e i anns an lianaidh tha fon a’ chreig ann an taobh a-staigh Loch Claidh. Agus sin mar a fhuair an t-àite Palla na Maighdinn.