Sgrìobhaiche na Seachdain: Mà rtainn Mac an t-Saoir
Is mise Màrtainn Mac an t-Saoir agus ‘s ann ann an Lèanaidh no Lenzie, faisg air Glaschu, a thogadh mi. Bha m’ athair à Uibhist a Deas agus mo mhàthair à Glaschu ach tha mi air a bhith a’ fuireach a-nis ann an Dùn Èideann.
‘S e Gàidhlig ionnsachadh a rinn mi. Ged a bha Gàidhlig aig m’ athair, cha robh sinn ga bruidhinn a-staigh.
Bidh mi a’ sgriobhadh ficsean, an dà chuid ficsean fada ann an riochd nobhailean ach cuideachd sgeulachdan goirid. ‘S bidh mi cuideachd a’ sgrìobhadh bàrdachd. Chanainn gur e ficsean as motha ris a bheil mi agus tha mi air dhà-no-thrì nobhailean a chuir an clò agus dà chruinneachadh de sgeulachdan goirid.
Cha mhòr nach urrainn dhomh ceann-là a thoirt seachad a thaobh 's cuin a thòisich mi sgrìobhadh. Bha mi nam oileanach air an dàrna bliadhna ann an Sabhal Mòr Ostaig anns a’ bhliadhna 1992 agus nochd sanas anns a’ phàipear airson co-fharpais sgrìobhaidh, Farpais Uilleam Rois, agus dh’fhaodadh tu rud sam bith a sgrìobhadh – bàrdachd no ficsean no ge bith dè thogradh tu agus airson adhbhar air choireigin dìreach ghlac e m’ aire ‘s chuir mi romham sgeulachd goirid a sgrìobhadh agus thug mi orm fhìn, trì latha no mar sineach, ron fharpais suidhe sìos aon fheasgar ann an seòmar nan compiutairean agus sgrìobh mi ‘An t-Àite as Bòidhche Fo Na Neòil’ agus chaidh gu math leam anns an fharpais agus às a dhèidh, thug siud misneachd dhomh agus thuirt mi rium fhìn, uill bu thoil leam latha air choireigin cruinneachadh de sgeulachdan goirid a sgrìobhadh agus rinn mi sin – ged a thug e aona bliadhn’ deug – mu robh mi air na h-ochd sgeulachdan deug, 'An t-Àite as Bòidhche Fo Na Neòil' nam measg, a chuir còmhla.
Tha mi smaoineachadh gur e daoine a th’ aig cridhe mo chuid sgeulachdan agus an dàimh eatorra agus mar a tha iad a’ faireachdainn mu dheidhinn a chèile agus mu dheidhinn an t-saoghail agus na suidheachaidhean anns am bi iad gam faighinn fhèin.
Seo criomag às an leabhar as ùire agam – Samhradh ’78 – agus tha an t-oileanach òg a tha seo, Cailean Quinn, aois 20 bliadhna a’ cur seachad grunn sheachdainean ann an Uibhist a Deas còmhla ri bràthair a mhàthair, Ruairidh, a tha ag obair ann mar dhotair a’ dèanamh ‘locum’ ann agus buinidh an dithis aca do Bharraigh, ged a thogadh Cailean ann an Grianaig. Agus cha robh e riamh ann an Uibhist – agus rè an t-samhraidh sin tha Cailean agus uncail a’ fàs nas dlùithe dha chèile, a’ cur eòlais nas doimhne air a chèile ach cuideachd, tha Cailean a’ dol an sàs ann a bhith togail beul-aithris. Ach tha a’ chriomag tha seo faisg air toiseach na sgeòil agus tha iad dìreach air Uibhist a ruighinn agus tha uncail a’ tighinn na choinneamh aig cidhe Loch Baghasdal anns a' chàr ùr aige.
“Do bheatha dhan dùthaich, a Chailein!” Faclan m’ uncail, ’s e fosgladh na h-MG bhig shnasail aige.
“Preusant ùr dhomh fhìn” chuir e ris, ‘s e gabhail a leisgeul cha mhòr. “Bha mi riamh airson fear fhaighinn, ach le teaghlach as well, cha robh e freagarrach. ‘S ann a tha suspension fada nas fheàrr na shaoileadh tu. Nì e ’n gnothach air cuid dhe na rathaidean as mios’ an seo.
“Cha do dh’fhàs do ghruag sgath na bu ghiorra” thuirt e an uair sin, le fiamh a’ ghàire a fheagair mise le bhith a’ sguabadh dual no dhà air cùl mo chluasan. “Just like a wee lassie” chanadh m’ athair fhìn air droch latha.
“Ach ’s coma” arsa Ruairidh “’S dè an cor a th’ air a h-uile duine?”
Chaidh naidheachdan a-null ’s a nall mun teaghlach, fhad ’s a dhraibh Ruairidh a Chrois Dhalabroig sinn, mun do thionndaidh e chun na làimhe deise air prìomh rathad an eilein. Chuala mi gu robh a dhithis nighean a-nist an Sasainn – Iona ann am Bristol, bha fhiosam air a sin, ach cha b’ fhada idir bho ghluais Claire cuideachd agus a’ chiad ogha acasan gu Lunnainn, son obair an duin’ aice, Ed. Thuig mi gum b’ ann le Aunt Emily a bha cuid mhath den “acasan” seo aig Ruairidh, ach cha tug e tarraing idir air a’ bhean nach maireann an oidhche sin. Cha tug no mi fhìn.
“Taigh rudeigin annasach a fhuair Bill dhomh am bliadhna a Chailein” ars esan, ‘s a’ ghealach a’ leigeil a lainnir shèimh air tìr a’ mhurain dhuinn. “Pìos o Chnoc Fraoich, ach chan eil àite sam bith ro fhad air falbh leis a’ chàr bheag luath seo.”
Dh’innis mi dha m’ uncail a-rithist cho beag eòlais 's a bh’ agam air Uibhist a Chinn a’ Deas – dìreach mar a rinn mi nuair a dh’fhòn e airson dèanamh cinnteach cò latha air am bithinn a’ siubhal agus uair a’ bhàta.
“Seadh, seadh” arsa esan. “Cha robh mi fhìn an seo ach aon turas riamh mun do thoisch mi a’ dèanamh locums. ‘S fhada ’s cian on uair sin, ‘ille. Tha mi glè eòlach ann a-nist.’ An ceann a deas gu h-àraid – nas fheàrr na tha mi am Barraigh an-diugh, thèid mi an urras. Seall cho brèagha ’s a tha na rionnagan. ’S dè tha thu fhèin ris na làithean seo, a Chailein. Arts degree, an e? Is às dèidh sin, dè?”
“Uill... bu thoigh le Mam lagh no teagasg.”
“Ach dè bu thoigh leatsa?”
“Chan eil mi cinnteach.”
“Do rinn thu sgath Gàidhlig riamh?”
“Chrath mi mo cheann. Tha i air fàs car lapach. Cha b’ urrainn dhomh gabhail sa sgoil agus...”
“Cha b’ urrainn gu dearbha. Tha Laideann agad?”
“Tha – uill bha.”
“’S dòcha gum b’ fheuch dhutsa coinneachadh ri Professor John Boyd. Seann phal à Fort Augustus. Às Bruairnis a bha athair. 'S e Seonaidh a-nist tha os cionn na roinn Ceiltis. Tha sinn air a bhith sgrìobhadh dha chèile bho chionn ghreis mun obair agam fhìn ann an Uibhist. Fhios agad? Na daoine tha mi an dèidh 's a bhith recordadh. Tha mi an dòchas gun còrdadh e riut fhèin beagan cuideachaidh a thoirt dhomh.”