Sgrìobhaiche na Seachdain: Iain Urchardan
Is mise Iain Donnchadh Urchardan agus ‘s ann à Sgìre nam Bàgh a tha mi, anns na Hearadh. Bidh mise a' sgrìobhadh sgeulachadan agus sgeulachdan goirid agus tha mi nis air tòiseachadh a' sgrìobhadh beagan bàrdachd cuideachd. Thòisich mi a’ sgrìobhadh timcheall air a’ bhliadhna 2013 agus dh'iarr duine comasach à Leòdhas, an Dotair Fionnlagh MacLeòid, air a’ bhean agam gun sgrìobhainn leabhar, a’ cantainn ‘Cùin a tha an duin’ agads' a’ dol a thoirt dhòmhsa leabhar?’
Nuair a thòisich mi a' sgrìobhadh, thòisich mi a' sgrìobhadh tha mi creidsinn air sgàth a’ chianalais. Bha mi ag ionndrainn an t-seann chultar anns an do thogadh mi a tha nise air a dhol bàs agus sinn cho saidheansail, agus bha mi ag iarraidh beagan sgrìobhaidh a dhèanadh a chuimhneachadh air an t-saoghal os-nàdarra anns an do thogadh mise ach a tha a’ cur nan sgeulachdan sin ann an aodach an latha an-diugh agus mar sin, a’ chiad trì dhe na sgeulachdan agam ‘s e gnothaichean os-nàdarra a bh’ annta. Sgeulachdan An t-Àite Uaigneach, Deàrrsadh san Deàrrsaich agus Guthan agus an uairsin, sgrìobh mi Breab, Breab, Breab agus bha sin stèidhichte air an fhìrinn – cù beag grinn a bh’ agamsa – Twinkle no Blinky am far-ainm a bh’ oirre – agus nuair a chaill mi i, bhrist e mo chridhe agus bhon àm sin tha mi air mar gum b’ e a’ sgaoileadh a-mach agus bidh mi a' dèanamh cuid de sgeulachdan a tha stèidhichte air rosg-rann a chuala mi, ‘s dòcha cuideigin ag innse dhomh aon rud beag bìodach agus stèidhichidh mi sgeulachd timcheall air a tha na fhicsean agus an uairsin, tha cuid dha na sgeulachdan, bidh iad cha mhòr gu tur stèidhichte air fìrinn. Mar eisimpleir, bha sgeulachd San Fhuil anns an leabhar agam, a’ chiad leabhar, agus bha sin stèidhichte air beatha m’ athair agus Na Bhriogais Ghoirid, sgeulachd a bha stèidhichte air beatha bràthair m’ athair agus feadhainn eile anns a’ mheadhan agus ‘s e dìreach breugan mòra a th’ annta, ann an Gàidhlig!
Tha criomag againn an-dràsta agus tha seo air a thogail a-mach às a’ sgeulachd Breab, Breab, Breab a thug tiotal dhan a’ leabhar agam agus tha e stèidhichte air a’ chiad ghaol agam – cuilean beag, cù beag – leth abhag, leth corgi agus bha i mu sheachd bliadhna dh’aois nuair a chaill mi i agus bhrist e mo chridhe na bhleideagan nuair a chaill mi ise agus bha e annasach oir ‘s e caraid dhomh a bhith call a’ choin aice fhèin a thug a’ sgeulachd air ais nam inntinn agus nuair a sgrìobh mi a’ sgeulachd bha na deòir a’ taomadh às mo shùilean agus mi cuimhneachadh air mo chiad ghràdh – Twinkle Bheag no Blinky mar a bh’ againn oirre.
... beag air bheag, thàinig sgàile a’ chadail thairis air an dà chorp blàth air an làr. Is chaidil iad.
Cha robh càil a’ cur dragh orra a-nis.
Mu thrì uairean sa mhadainn, thàinig Caoimhin às a shuain agus thuige fhèin. Dhùisg am fuachd e ’s bha an corp aige mì-chofhurtail, bhon a bha e air a bhith na shìneadh gun chluasag, air a chliathaich. Bha e air tuiteam na chadal air a’ phlaide còmhla rithe...’s a’ phlaide eile fhathast air an làr rin taobh!
Nuair a thog e a cheann, ghabh e sùil oirre. Ach cha do charaich i fhèin. Cha do gluais i. Nuair a sheall e na bu dlùithe, chunnaic e nach robh sèid no tarraing na sgamhain. Mar sin chuir e a làmh oirre. Bha an corp aicese na b’ fhuaire na am fear aige fhèin.
Dhrùidh an fhìrinn uabhasach a-steach air.
Uaireigin, eadar beagan às dèidh uair agus trì uairean sa mhadainn, fhad ’s a bha i na laighe na cadal ri thaobh, bha i air fhàgail.
Nuair a thuig e seo, thaom na deòir às a shùilean, nan tuiltean saillte. Air a ghlùinean air an làr, bha a’ ghuailnean a’ buiceil suas is sìos ’s a cheann a’ dubadaich. Mu dheireadh, dh’fhàs an cràdh cho mòr is gun robh a h-uile pàirt dhe chorp a’ rànaich. An cràdh! Ò, an cràdh!