Main content

Sgrìobhaiche na Seachdain: Seonag Monk

Is mise Seonag Monk. Tha mi à baile Ghramasdal ann am Beinn na Faoghla. Tha mi’n diugh a’ fuireach ann an Glaschu. ‘S ann a’ sgrìobhadh sgeulachdan goirid a’ thòisich mi, an uair sin, sgeidsichean goirid airson comadaidh air a’ BhBC – ma dh’fhaoidte gu bheil cuimhn’ aig cuid agaibh air Ran Dan. Sgriobtaichean dràma airson telebhisean, dealbhannan-chluich theatre – grunn aca sin, leabhraichean – trì leabhraichean chloinne, ‘Dòmhnall Phàdraig’, ‘Al’, ‘Ribinean Rìbheach’ agus an nobhail ‘Mil san Tì’. ‘S ann sa Ghàidhlig a tha mi sgrìobhadh. Uill, fuirich, bha screen-play Bheurla ann airson Channel 4 – ‘The Green Man Of Knowledge’ – anns an robh an cleasaiche ainmeil Brian Cox. ‘S e Dòmhnall Phàdruig a’ chiad charactar a chruthaich mi – e fhèin agus Calum Alasdair agus Iain Iòsaph airson sreath a chaidh a-mach air a’ phrògram chloinne, Aileag, air Radio nan Gàidheal. Sgeulachdan Dhòmhnaill Phàdruig. ‘S ann nuair a sgrìobh mi sin, ‘s ann a thuig mi an tlachd a bha mi a’ faighinn o bhith sgrìobhadh.

Bidh e fìor a ràdh gu bheil daonnan comadaidh a’ snaidheadh a-staigh air dhòigh air choireigin anns an sgrìobhadh agam ach nach e sin a’ bheatha? Doirbh ’s gum bi rud, bidh an-còmhnaidh snodha beag gàire ri fhaighinn an àiteigin.

Tha mi a' dol a’ leughadh criomag bhon nobhail ‘Mil san Tì’. ‘S e nobhail tha seo air beatha triùir bhoireannach - Sheila, Fiona agus Nora. Tha am pìos seo mu dheidhinn Mìcheal – a bha pòsta uaireigin aig Nora.

Cho fad ’s a bha not’ na phòca ’s a leine mu dhruim, cha robh an saoghal a’ cur uallach sam bith air Mìcheal. ’S e an seòrsa duine a bh’ ann a bha faighinn tlachd à bhith beò. Far am faiceadh cuid an cupa letheach falamh, cuid eile an cupa letheach làn, bha cupa Mhìcheil a’ taomadh thairis. Far am biodh Mìcheal, bhiodh gàireachdaich. Ro thrang an ceann gnothaich agus a’ toirt seachad òrdain, dhìochuimhnich Nora gur glè thric far am bi gàireachdaich, bidh boireannaich. Pòst’ aice beagan is deich bliadhna, dh’fhàs Mìcheal sgìth dhe na h-òrdain, agus thug e a chasan leis, ga fàgail na h-aonar, a’ togail nighean bheag, bhiorach, dhubh. An e gun do thuig Mìcheal ciamar a bhiodh na bliadhnaichean a bha roimhe nuair a bhiodh dithis bhoireannach ag èigheach na chluais, o chionn bha a h-uile coltas gum biodh an nighean bheag aca nas bragaile na màthair. Air neo an e gòraiche na gaoithe a bhuail e an latha buidhe, grianach a bha siud. An latha a thug e lioft do Helga. Mus do sguir an dithis a ghàireachdaich, bha e fhèin agus i fhèin anns An Fhraing. Chaidh na bliadhnaichean seachad agus às dèidh greis a’ gàireachdaich còmhla ri Helga san Fhraing, bha Mìcheal a’ gàireachdaich còmhla ri Rene san Eadailt, Elle sa Ghreug. An ceann ùine, cha robh cuimhne sam bith aig’ air Nora. Uill...cha robh tric sam bith co-dhiù.