Sgrìobhaiche na Seachdain: Catrìona Lexy Chaimbeul
Is mise Catrìona Lexy Chaimbeul. ‘S ann à Eilean Leòdhais a tha mi ach chuir mi seachad tòrr de m’ bheatha sa Phloc ann an Loch Aillse. Bidh mise a’ sgrìobhadh iomadach seòrsa rud. Bidh mi a’ sgrìobhadh nobhailean, dealbhan-cluiche, sgriobtaichean airson film agus telebhisean, sgeulachdan goirid, leabhraichean cloinne agus an-dràst’ sa rithist, rud beag bàrdachd. Thòisich mi a’ sgrìobhadh nuair a bha mi gu math, gu math òg. Bhiodh m’ athair a’ sgrìobhadh leabhraichean cuideachd agus bhithinn ga choimhead ‘s e ri obair agus a’ feuchainn ris an aona rud a dhèanamh mi fhìn. Thòisich mi sgrìobhadh gu proifeasanta nuair a dh’fhàg mi an oilthigh agus bha mi sgrìobhadh sa Ghàidhlig a-mhàin. Nuair a bhios mi a' sgrìobhadh, bidh mi a' gabhail beachd air iomadach cuspair ach an rud as fheàrr leam ‘s e bhith coimhead ri beathannan pearsanta dhaoine, gu h-àraid ann an teaghlaichean. Na ceangalan a tha eadar dhaoine agus mar a tha na ceangalan sin a’ maireachdainn tro shuidheachaidhean dorch agus duilich. Tha cuideachd ùidh làidir agam ann an gnothaichean os-nàdarra agus caractaran a tha tighinn à saoghail annasach agus a tha gu math borb no eagalach no làn geasachd is draoidheachd.
Tha mi gu bhith a’ leughadh an-diugh bho leabhar ‘An t-Ionnsachadh Bòidheach’ a sgrìobh mi o chionn iomadach bliadhna nis. ‘S e leabhar a th’ ann airson clann-sgoile – young adults mar a chanadh tu sa Bheurla – agus ‘s e sgeulachd a th’ ann mu dheidhinn clann òga a’ feuchainn ris a’ chùis a dhèanamh ann an saoghal far nach eil na daoine mòra ann tuilleadh air sàilleabh galar eagallach a tha cur às dhiubh uile.
Tha an tiotal a’ tighinn bho ‘An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach’ – rud a bhios sinn ag ràdh anns a' Ghàidhlig, seanfhacal.
Chùm Maisie-May sùil air a bràthair ‘s e dèanamh a dhìcheall, a’ sèideadh agus a’ losgadh a chorragan. Cha do chuidich i e ge-tà. B’ fheàrr dha ionnsachadh dha fhèin. Thug e ùine mus do ghabh an tèine ach nuair a thòisich na lasairean a’ leumadaich leig Archie eugh toileachais.
‘Sin thu fhèin Archie!’
‘Rinn mi e! Fuirich gun innse mi dha Dadaidh!’
‘Aidh.’
‘Cuin a tha iad a’ tighinn?’
‘Och, Archie, thuirt mi riut. Chan eil fhiosam. Sguir a dh’fhaighneachd alright?’
‘Ma thèid sinn a Steòrnabhagh, ‘s dòcha gum bi am bàta a’ siubhal. Dh’fhaodadh sinn a dhol dhachaigh!’
‘Archie, please!’
Bha e sàmhach an uairsin. Bha fhios aige nach bu chaomh leatha nuair a bha e a’ faighneachd mu dheidhinn Mamaidh is Dadaidh ach bha Archie cinnteach gum biodh iad ceart gu leòr. Cha robh duine air an t-saoghal cho clever ri Mamaidh is Dadaidh. Bha fios acasan dè bha tachairt fad air adhart air càch. Fiù ’s mus robh càil air na naidheachdan. Bha esan ‘s a phiuthar air a bhith mach à Dùn Èideann fada mus do thòisich rudan air fàs buileach dona. Cha robh iad air cluinntinn càil bhuaipe bho sguir na fònaichean a dh’obair. Cuin a bha sin? Trì mìosan air ais? Ceithir? Ach nuair a thuirt iad gun dragh a ghabhail mun deidhinn, gum biodh iad sàbhailt’, chreids Archie iad. Agus chùm e an creideamh sin beò, leis a h-uile anail a ghabh e. Sheall e ris an teine a’ dannsa san stòbha agus dh’fheuch e ri na h-aodainn aca fhaicinn san t-solas orains.
Lìon Maisie-May pana bho pheile sa scullery. Bha iad ga lìonadh le uisge bho shruthan aig bonn na croit agus ged a thuirt an seanmhair gun robh e cho glan ‘s a ghabhadh, bha Maisie-May fhathast ga ghoil mus òladh iad e. Bha aice ri Archie a chumail sàbhailt. ‘S cha robh i dol a ghabhail seans sam bith. Bha i air faicinn na bha air tachairt do chlann eile, gun duine a’ coimhead às an dèidh.
‘Cùm suil air a’ phana. Tha mi dol a dh’fhaighinn na nigheadaireachd bhon loidhne.’
Cha do sheall Archie rithe.
‘Tha cho math dhuinn falbh cho luath sa ghabhas. Tha an oidhche a’ tighinn nas tràithe a-nis.’
Cha do fhreagair Archie.
‘Bidh iad ceart gu leòr – alright? Tha fhios agam air.’
Sheall e rithe ‘s rinn e gàire beag.
‘Thanks Maisie-May. Tha fhios agams' air cuideachd.’