Sgrìobhaiche na Seachdain: Tim Armstrong
Is mise Tim Armstrong agus ‘s ann à Seattle anns na Stàitean Aonaichte a tha mi ach tha mi a’ fuireach ann an Alba a-nis, anns an Eilean Sgitheanach. Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha mi a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Bha caraid agam, Ruaraidh, a tha a’ seinn anns a’ chòmhlan punk ‘Oi Polloi’, agus dhèanamaid biadh dha gach latha agus an iomlaid bhiodh esan a’ teagaisg na Gàidhlig dhuinn agus sin mar a thòisich mi air a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Às dèidh dhomh beagan Gàidhlig ionnsachadh ann an Dùn Èideann, dh’fhàs mi gu math dèidheil air a’ Ghàidhlig agus thàinig e a-steach orm nach ruiginn fileantas gun a bhith a’ dol agus Gàidhlig ionnsachadh làn ùine fad greiseag agus mar sin, chaidh mi gu Sabhal Mòr Ostaig agus thòisich mi air ceum an sin. Bha mi anns a’ Chùrsa Comais aig Sabhal Mòr Ostaig. Chuir mi crìoch air a’ cheum sin agus thàinig cothrom an àirde PhD a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig aig a’ cholaiste agus rinn mi sin agus an uairsin thàinig cothrom an àrd teagasg a dhèanamh aig a’ cholaiste agus rannsachadh a dhèanamh aig a’ cholaiste agus tha mi fhathast an seo aig Sabhal Mòr Ostaig a’ dèanamh sin.
Bidh mi a’ sgrìobhadh iomadh diofar rud agus aig m’ obair, bidh mi a’ sgrìobhadh rudan academach ceangailte ri m’ obair aig Sabhal Mòr Ostaig ach cuideachd bidh mi a’ sgrìobhadh ficsean agus bidh mi a’ sgrìobhadh nobhailean agus diofar seòrsa rosg anns a' chuid as motha.
Thòisich mi a' sgrìobhadh sa Bheurla nuair a bha mi glè òg ach thòisich mi sgrìobhadh sa Ghàidhlig, thòisich mi sgrìobhadh òrain sa Ghàidhlig nuair a bha mi a' cluich anns a’ chòmhlan punk agam ‘Mill a h-Uile Rud’ mu deich no dusan bliadhna air ais. Anns a’ Ghàidhlig an-dràsta, bidh mi a’ sgrìobhadh ficsean saidheans a’ chuid as motha agus nobhailean ach cuideachd bidh mi a’ sgrìobhadh sgeulachdan mu dheidhinn ceòl agus dìreach sgeulachdan mu dheidhinn daoine a’ dèanamh rudan àbhaisteach nam beatha a bharrachd air ficsean saidheans.
An-diugh, tha mi a' dol a’ leughadh pìos beag bho nobhail a sgrìobh mi, nobhail a sgrìobh mi gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh, Feur Buidhe an t-Samhraidh agus anns a’ phìos seo bidh sinn a’ cluinntinn bho Cholman, fear a bha ann an còmhlan-ciùil is tha iad a’ dèanamh deiseil gu dol air turas-ciùil anns na Stàitean.
Is toigh leam Mìcheal - ach tha an duine truagh. Chan urrainn dha am beus aige a chluich idir. Choimhead mi ris, a làmhan air chall air na teudan, gun fhios aige càit’ an robh sinn anns a’ phort. B’ e an oidhche ron turas a bh’ ann, agus cha robh Mìcheal faisg air eòlach air na h-òrain.
Tha mi fhìn ann an còmhlan-ciùil Fo Do Gheasaibh agus bha sinn a’ dèanamh deiseil airson a dhol air turas, dà sheachdain anns na Stàitean. Bha sinn shìos ann an Inbhir Lìte ann an seòmar-cluich air mal, a’ ruith thairis air na h-òrain aon uair eile mus do dh’fhalbh sinn, ach cha robh iad a’ tighinn ri chèile mar bu chòir.
Aig an àm, bha ceathrar againn anns a’ chòmhlan. Bha mi fhìn, Colman air a’ ghiotàr, bha Ruairidh a’ seinn, bha Fillean air na drumaichean agus bha Mìcheal air a’ bheus. Bha an ceathrar againn uile eòlach air a chèile o chionn fhada. Chaidh sinn uile gu Seumas Gilleasbuig le chèile, agus bha sinn air a bhith a’ cluich mar chòmhlan on a dh’fhàg sinn an sgoil – trì bliadhna a-nis.
B’ e seo an dàrna turas a bhiodh againn anns na Stàitean, agus bha e a' dol a bhith math. Bha daoine air fàs eòlach oirnn air a’ chiad turas, bha luchd-leantainn againn ann an Ameireagaidh a-nis, agus bhitheamaid a’ cur taic ri còmhlan Ameireageanach, Cactus Ridge, a bha cuimseach mòr. Bha deagh chliù aca, agus eadar an dà chòmhlan, bha sinn an dùil gun tigeadh mòran dhaoine dha na cuirmean againn.
Ach air an oidhche ron turas, cha robh cùisean dòigheil idir. Bu toigh le Mìcheal an stuth cruaidh – punc agus meadailt. Bha e anns a’ chòmhlan mar sheann charaid, ach bha e ceart coma mun a’ cheòl indy a chluich sinn ann an Fo Do Gheasaibh. Cha chuireadh e corrag ris a’ bheus aige ach nuair a thigeamaid ri chèile airson ruith thairis air na h-òrain còmhla. B' e seann trioblaid a bh' ann, bha sinn uile cleachdte ris, ach air an oidhche sin – an oidhche ron turas – agus Mìcheal ris na h-aon mhearachdan a-rithist agus a-rithist, ghabh Ruairidh an cuthach.