Sgrìobhaiche na Seachdain: Maureen NicLeòid
Is mise Maureen NicLeòid agus ‘s ann à Dail bho Dheas ann an Nìs, ann an Eilean Leòdhais a tha mi. Bidh mi a’ sgrìobhadh measgachadh de stuth. Tha mi air sgeulachdan goirid a sgrìobhadh. Tha mi air ficsean a sgrìobhadh agus tha mi air neo-fhicsean a sgrìobhadh agus ‘s ann co-cheangailte ri siubhal, gu math tric, a bhios na leabhraichean sin.
Bha ùidh agam a-riamh ann a bhith a’ leughadh agus a bhith a’ sgrìobhadh ach cha do rinn mi cus sgrìobhadh airson iomadach bliadhna. Cha robh an ùine agam agus bha diofar rudan eile a’ dol ach, ann an 2007, dh’fhalbh mi a shiubhal airson bliadhna agus bha mi airson leabhar-latha a chumail bhon an turas a bha sin agus sin a rinn mi. Bha e a' còrdadh rium gu mòr a bhith cumail an leabhar-latha a bha sin. Nuair a thàinig mi air ais às dèidh a bhith siubhal airson bliadhna smaoinich mi gun còrdadh e rium leabhar a sgrìobhadh mu dheidhinn an turas agam a’ cleachdadh an stuth a bha mi air a bhith sgrìobhadh anns an leabhar-latha agam agus bhon uairsin, tha mi air cumail orm a’ sgrìobhadh agus tha mi an sàs ann an diofar phròiseactan sgrìobhaidh fad na h-ùine.
Anns an leabhar agam, Banais na Bliadhna, ‘s e leabhar gu math aotrom a tha sin agus sin an seòrsa rud as caomh leam a bhith dèanamh nuair a tha mi a' sgrìobhadh ficsean. Tha mi feuchainn ri bhith èibhinn anns an sgrìobhadh agam. Chan eil fhios a'm a bheil sin ag obrachdainn ach sin a bhios mi feuchainn, ‘s e dìreach cuspairean èibhinn. Agus tha ‘Banais na Bliadhna’ mu dheidhinn an dithis a tha seo a tha coinneachadh aig banais agus tha iad a’ tòiseachadh a’ bruidhinn mu dheidhinn an liuthad banais air a bheil iad air a bhith agus na preusantan a tha iad a' toirt do dhaoine sna liostaichean a th’ aig daoine. ‘S tha iad a’ tighinn suas le plana aig a’ bhanais a tha seo agus ‘s e sin gu bheil iad a’ dol a phòsadh, dìreach airson na preusantan fhaighinn agus tha ‘Banais na Bliadhna’ an uairsin a’ leantainn dè tha tachairt dhaibh nuair a tha iad a’ dèanamh sin.
Tha mi cuideachd an-dràst’ a’ sgrìobhadh leabhar ficsean agus ‘s ann mu dheidhinn cruinneachadh sgoile a tha e agus a-rithist, tha sin rudeigin aotrom agus tha mi feuchainn ri rudan eile a thoirt a-steach ann cuideachd ach às a’ mhòr-chuid, tha e aotrom agus tha mi feuchainn ri rudan èibhinn a thoirt a-steach dhan a’ leabhar.
Tha mi dol a leughadh criomag bho ‘Banais na Bliadhna’ agus an criomag a tha mi dol a leughadh ‘s ann stèidhichte aig a’ bhanais a tha seo dha caraidean aig Anna agus Dòmhnall. Nis, tha Anna agus Dòmhnall fhèin a’ bruidhinn, mar a tha an latha a’ dol air adhart tha iad a’ faighinn air adhart math dha-rìribh agus tha iad a’ tòiseachadh a’ bruidhinn mu dheidhinn na preusantan a tha iad fhèin air a thoirt do dhaoine tro na bliadhnaichean agus na liostaichean a tha iad air fhaicinn a th’ aig daoine co-cheangailte ri preusantan bainns’.
Bhruidhinn iad a-null agus a-nall mu na rudan iongantach, craicte agus diofraichte a bha iad air faicinn air na liostaichean seo, a’ farpais le chèile feuch cò aige a bha an sgeulachd a b’ fheàrr ri innse.
‘Tha co-ogha dhomh,’ dh’inns Anna dha, a tha dèidheil air deagh bhiadh agus chuir e bhouchearan airson taighean-bidhe le rionnagan Michelin air an liosta aca agus nach ann a bha spùt airsan fad trì latha às dèidh tadhal air aon dhiubh! Cha robh guth air na h-àiteachan-bidhe spaideil an uair sin airson greis!’
‘Chuir mise airgead mu choinneamh bhoucherean airson caraidean sgèith ann am bailiùn thairis air a’ Chòrn. San adhar, thuig ise nach bu chaomh leatha a bhith ann am bailiùn agus theab am pòsadh a bhith seachad ann an sin fhèin. ’S beag a’ cho-fhaireachdainn a bh’ aig a cèile rithe, a’ cantainn rithe gun a bhith na buigneag!” Bha ise ag iarraidh sìos, esan ag iarraidh fuireach shuas. Cha robh roghainn aig fear a’ bhailiùin ach an toirt sìos agus ise cho troimh-a-chèile. Agus, b’ e an rud bu mhiosa dheth gun robh iad air pàigheadh airson dealbhan agus DVD fhaighinn den turas aca agus nach tàinig sin sa phost an ceann beagan sheachdainean.’