Main content

Comann na Camanachd a' sireadh taice

Rinn àrd-oifigear Chomann na Camanachd moladh mòr air saor-thoilich a thuirt e a chum an geama beò tron phandemic, ach tha e ag ràdh gu bheil feum air an tuilleadh.

Thuirt Derek Keir às ùr gu bheil feum gu sònraichte air barrachd rèitirean.

Tha mìos ann a-nise bho thòisich seusan ùr na h-iomain, a' chiad sheusan ceart bho 2019.

Dh'innis Mgr Keir gu bheil e air a dhòigh gu bheil tòrr gheamaichean air a dhol air adhart a dh'aindeoin 's gu bheil àireamhan àrda de chùisean Covid air a bhith ann air feadh na h-Alba.

Thuirt e gu bheil seo na chomharra air neart coimhearsnachd na h-iomain.

"Tha iomain san fharsaingeachd a' dèanamh sàr-obair is tha sin air a bhith ann tron phandemic. Tha na saor-thoilich a tha cho cudromach dhuinn air obair mhìorbhaileach a dhèanamh an geama a chumail beò", thuirt e.

Tha trioblaidean air a bhith ann bho chionn fhada le gainnead rèitirean is thuirt Mgr Keir gu bheil suidheachadh Covid air cur ri sin.

Cùrsa

Ged a chuireadh e fàilte air barrachd dhaoine aig gach ìre den gheama, dh'aidich e gu bheil ceist nan rèitirean gu h-àraidh cudromach.

"'S e trioblaid mhòr a tha seo is tha sinn gu mòr ag iarraidh air seann chluicheadairean, daoine eile le ùidh san spòrs, tighinn air adhart is ar cuideachadh tron staing seo.

"Cha leigeadh iad a leas fiù 's a bhith saor gach seachdain, ach dìreach an spòrs a chuideachadh aig an àm dhoirbh a tha seo", thuirt e.

Dh'innis Mgr Keir gu bheil plana aig Comann na Camanachd 'son an gnothach a leasachadh.

Mar phàirt den sin, bidh cùrsa trèanaidh eile ann an ath-mhìos.

Aig an dearbh àm, chaidh an geama eadar Cabar Fèidh is Gleann Urchadain ann an Cupa MhicThàmhais Disathairne seo tighinn a chur dheth a-rithist ri linn suidheachadh Covid.

Tha dùil a-nise gun tèid an geama air adhart Disathairne an 9mh den Ghiblean.

/naidheachdan/60924898