Comann na Camanachd a' sireadh taice
- Air fhoillseachadh
Rinn à rd-oifigear Chomann na Camanachd moladh mòr air saor-thoilich a thuirt e a chum an geama beò tron phandemic, ach tha e ag rà dh gu bheil feum air an tuilleadh.
Thuirt Derek Keir às ùr gu bheil feum gu sònraichte air barrachd rèitirean.
Tha mìos ann a-nise bho thòisich seusan ùr na h-iomain, a' chiad sheusan ceart bho 2019.
Dh'innis Mgr Keir gu bheil e air a dhòigh gu bheil tòrr gheamaichean air a dhol air adhart a dh'aindeoin 's gu bheil à ireamhan à rda de chùisean Covid air a bhith ann air feadh na h-Alba.
Thuirt e gu bheil seo na chomharra air neart coimhearsnachd na h-iomain.
"Tha iomain san fharsaingeachd a' dèanamh sà r-obair is tha sin air a bhith ann tron phandemic. Tha na saor-thoilich a tha cho cudromach dhuinn air obair mhìorbhaileach a dhèanamh an geama a chumail beò", thuirt e.
Tha trioblaidean air a bhith ann bho chionn fhada le gainnead rèitirean is thuirt Mgr Keir gu bheil suidheachadh Covid air cur ri sin.
°äù°ù²õ²¹
Ged a chuireadh e fà ilte air barrachd dhaoine aig gach ìre den gheama, dh'aidich e gu bheil ceist nan rèitirean gu h-à raidh cudromach.
"'S e trioblaid mhòr a tha seo is tha sinn gu mòr ag iarraidh air seann chluicheadairean, daoine eile le ùidh san spòrs, tighinn air adhart is ar cuideachadh tron staing seo.
"Cha leigeadh iad a leas fiù 's a bhith saor gach seachdain, ach dìreach an spòrs a chuideachadh aig an à m dhoirbh a tha seo", thuirt e.
Dh'innis Mgr Keir gu bheil plana aig Comann na Camanachd 'son an gnothach a leasachadh.
Mar phà irt den sin, bidh cùrsa trèanaidh eile ann an ath-mhìos.
Aig an dearbh à m, chaidh an geama eadar Cabar Fèidh is Gleann Urchadain ann an Cupa MhicThà mhais Disathairne seo tighinn a chur dheth a-rithist ri linn suidheachadh Covid.
Tha dùil a-nise gun tèid an geama air adhart Disathairne an 9mh den Ghiblean.