Main content

Luaidh ga dhèanamh air Andy Mac an Tòisich

Tha luaidh ga dhèanamh air fear de shàr chluicheadaran na h-iomain, Andy Mac an Tòisich à Baile Ùr an t-Slèibh, a chaochail aig aois 31.

Thuirt Baile Ùr an t-Slèibh gun do chaochail e Diciadain agus gun robh an cluba, a' choimhearsnachd, agus saoghal na h-iomain air solas deàlrach a chall.

Bhuannaich Mgr Mac an Tòisich prìomh dhuaisean na spòrs gu lèir is chluich e cuideachd do dh'Alba.

B' e sgiobair a' Bhaile Ùir ann an 2018 nuair a bhuannaich iad a' Phrìomh Lìog, Cupa na Camanachd agus Cupa MhicThàmhais.

Thuirt eòlaiche na h-iomain, Ùisdean MacIllinnein, gur e buille mhòr a th' ann.

"Chan eil cuimhne agam nam bheatha air àm cho dùbhlanach do choimhearsnachd na h-iomain. Tha sinn a' sìor chall dhaoine matha fada ro thràth", thuirt e.

/naidheachdan/61681212