Luaidh ga dhèanamh air Andy Mac an Tòisich
- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air fear de shà r chluicheadaran na h-iomain, Andy Mac an Tòisich à Baile Ùr an t-Slèibh, a chaochail aig aois 31.
Thuirt Baile Ùr an t-Slèibh gun do chaochail e Diciadain agus gun robh an cluba, a' choimhearsnachd, agus saoghal na h-iomain air solas deà lrach a chall.
Bhuannaich Mgr Mac an Tòisich prìomh dhuaisean na spòrs gu lèir is chluich e cuideachd do dh'Alba.
B' e sgiobair a' Bhaile Ùir ann an 2018 nuair a bhuannaich iad a' Phrìomh Lìog, Cupa na Camanachd agus Cupa MhicThà mhais.
Thuirt eòlaiche na h-iomain, Ùisdean MacIllinnein, gur e buille mhòr a th' ann.
"Chan eil cuimhne agam nam bheatha air à m cho dùbhlanach do choimhearsnachd na h-iomain. Tha sinn a' sìor chall dhaoine matha fada ro thrà th", thuirt e.