Main content
Camanachd na h-Alba air a cur air bhog
Chaidh pròiseact ùr a chur air bhog airson Gàidhlig a bhrosnachadh ann an iomain agus am measg òigridh gu sònraichte.
'S e Camanachd na h-Alba an t-ainm a th' air is e air a ruith le Iomain Cholmchille.
Thuirt iad gum bi am pròiseact a’ ruith gu deireadh 2026 agus a bharrachd air farpaisean Chupa Iomain na h-Òige airson clann bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, gum bi Camanachd na h-Alba am measg eile a' cur air dòigh campaichean trèanaidh tron chànan, seiseanan cuimhneachaidh iomain do luchd-labhairt na Gàidhlig, agus clasaichean Gàidhlig do bhuill Chomann na Camanachd.
’S e an t-amas gum bi còrr is mìle cluicheadair iomain an sàs gach bliadhna.
Tha Ruairidh MacÌomhair air a bhith a' bruidhinn ri Eòghan Stiùbhart bhon bhuidhinn.