Dundee Utd agus an t-ainm nach biodh gu bith-bhuan uaine
‘S ann a bha luchd-taic ball-coise rudeigin caillte, tha fhios, nuair a thog iad na pàipearan Sàbaid aca.
Bha na h-aithrisean toiseach an deireadh-sheachdain air innse gun robh Dundee Hibs a’ dol a Dhùn Bhreatainn. Às dèidh làimhe, bha cunntas air mar a chaill Dundee United 3-0.
Is bha seo a thuilleadh air aithrisean eile air ais ann an 1923 mu Dundee City. ‘S beag an t-iongnadh nach robh fios aig cuid de luchd-taic dè dìreach a bu chòir dhaibh èigheach.
Tha toiseach an sgeòil pìos beag air ais a-rithist - gu 1909 - le stèidheachadh Dundee Hibernian.
“The promoters are all Dundee Irishmen”, dh’innis iris an Scottish Referee. “As the city is said to include in its population no less than thirty thousand of the same persuasion, the new organisation will not want for support”.
Bha an cluba ùr ag amas air soirbheachas Celtic is Hibs a leantainn is rinn sgioba Lìte an turas a Dhùn Dè airson a’ chiad gheama, rud a chòrd gu mòr ri rùnaire a’ chluba ùir, Pat Reilly:
“Mr Reilly has had offers from many of the leading clubs in Scotland for the opening match, but prefers to have an Irish opening for the season”, dh’aithris an Irish News.
Fhuaireadh dachaigh aig Pàirc Clepington, ainm a dh’atharraich iad gu luath gu Tannadice, is fhuair iad cuideachd an ìre mhath sgiobalta àite ann an Lìog na h-Alba.
Ach a dh’aindeoin phlanaichean mòra Pat Reilly, cha do shoirbhich le Dundee Hibs is e a’ faileachadh orra àrd-ìre a ruighinn. “Cha d' fhuair iad gu dol ceart riamh”, tha eachdraiche Dundee United, Peter Rundo, ag innse.
Às dèidh dhaibh tuiteam a-mach à Lìog na h-Alba ann an 1922, ghabh bòrd ùr an stiùir. “Bha iad a' faireachdainn gum feumadh an cluba tòiseachadh às ùr no dìreach a dhol à bith", tha Peter ag ràdh.
‘S e a’ chiad amas tilleadh dhan lìog, rud a chaidh a choileanadh às dèidh iomairt mhòir is air an deach fàilte a chur anns na meadhanan:
"We hope that the Hibs will live up to the talk of those now at the head of affairs at the Tannadice club, and build a team capable of taking the club into the First Division. Another Dundee club in Division 1 would be the best thing that could happen to senior Tayside football”, thuirt an Sunday Post.
Cho luath ‘s a bha iad a-staigh, chaidh an ath-phàirt de phlana a’ bhùird a chur an sàs: lèintean geala seach uaine - agus nas connspaidiche - ainm ùr. “Bha faireachdainn am measg a' bhùird ùir nach robh iad airson is gum biodh an cluba ann dhan choimhearsnachd Èireannaich a-mhàin", tha Peter a’ mìneachadh.
‘S e Dundee City a bha iad ag iarraidh is chaidh ainm na companaidh atharrachadh sa bhad, le cuid de dh’aithrisean a’ gabhail City air an sgioba cuideachd.
Ach tha e an-còmhnaidh glic atharrachadh mòr a ruith seachad air na nàbaidhean an toiseach, nach eil? Rud, a rèir choltais, nach do rinn Dundee Hibs. Is tarsainn an rathaid aig Dens, cha robh Dùn Dè air an dòigh.
Bha an dà ainm ro choltach, thuirt iad, is bha cunnart gun rachadh litrichean is eile dha na h-àitichean ceàrr. Fiù 's aig an àm, cha robh mòran a' gabhail ris gur e sin dha-rìribh a bha a' cur air Dùn Dè.
"Bha Dùn Dè gam faicinn fhèin mar phrìomh chluba a' bhaile. Bha iad air a bhith ann na b' fhaide is bha iad den bheachd le Dundee City gun robh an cluba eile a' feuchainn ri prìomhachas fhaighinn", tha Peter ag ràdh.
Dh’fhailich air an ainm ùr aig an SFA – le aona bhòt – is thòisich còmhraidhean ùra is deasbad litrichean sradagach anns na pàipearan. Mhol aon duine Tayside mar ainm: “certainly they must drop the appellation Hibs, for it is not by any means Irish support alone that is making things hum at Tannadice Park”.
Bha neach eile den bheachd gur e “piece of colossal impudence” a bh’ ann: “The idea of Irishmen being asked to be called the Dundee City shows they are not troubled with shyness”.
Is bha litir eile a’ cumail a-mach gun robh am buaireadh a’ cur nam mìltean de luchd-taic a bharrachd gu ruige Tannadice.
Chaidh riochdairean bhon dà chluba a chur còmhla gus fuasgladh a ruighinn, fuasgladh a thug bàs do Dundee Hibs is beatha do Dundee United, leis an atharrachadh oifigeil a’ dol troimhe aig deireadh na Dàmhair 1923 cha mhòr gun fhiosta - agus a dh’aindeoin gach litreach is connspaid - cha mhòr gun iomradh air a' cheann thall.
Cha mhòr, oir chualas aona mhac-talla bho eachdraidh a’ chluba.
“Dundee Hibs ceases to exist. There are very few regrets”, sgrìobh Evening Telegraph a’ bhaile. Beachd a bha dìreach cus do co-dhìu aona Èireannach ann an Dùn Dè.
A’ freagairt leis an litir aige fhèin an ath-là, mhìnich Pat Reilly na bha an cluba air coileanadh, na bha a’ choimhearsnachd Èireannach air cur ris, is rinn e luaidh air cluicheadairean a bha air am beatha a chall sa chogadh. Gura math a thèid leis a’ bhòrd ùr is an t-ainm aca, thuirt e, ach bhiodh ainm Dundee Hibs "gu bith-bhuan uaine".
Chan eil teagamh nach do rinn an cluba adhartas fon bhrataich ùir ge-tà, a’ ruighinn na Ciad Roinne ann an 1925. Bha iad suas is sìos às dèidh sin gus an tàinig dithis mhanaidsearan a thug cruth-atharrachadh orra, Jerry Kerr an toiseach is an uairsin Jim MacIlleathain.
‘S ann fo stiùir MhicIlleathain a ràinig United chan e a-mhàin bàrr ball-coise na h-Alba, ach fìor àrd-ìre san Roinn Eòrpa.
Tha Peter Rundo ag ràdh gun robh 1923 dha-rìribh bunaiteach dhan chluba, ach chan eil e a’ cur na h-uimhir de chuideam air an ainm, mar a tha cuid eile.
“Bha an cluba ann am fìor staing ron sin. Cha robh an t-ainm ùr cho bunaiteach, ‘s e an rud as cudromaiche a bhith air am bhòtadh air ais gu Lìg na h-Alba is rinn an cluba obair mhòr gus sin a choileanadh. Cuimhnich gu robh Dùn Dè nas motha na Obar Dheathain anns na làithean sin is bha e ciallach gum biodh dà chluba sa bhaile. Thug iad cuideachd Jimmy Brownlie, a bha air cluich do dh’Alba, a-steach mar mhanaidsear ann an 1923, is bha esan fìor chudromach aig United”.
'S dòcha gum biodh e air tachairt co-dhiù, ach shoirbhich leis an oidhirp luchd-taic a tharraing à coimhearsnachd nas fharsainge na Èireannich Dhùn Dè is an cluba a’ sìor fhàs is a’ tàladh luchd-taic bho fhada is fharsaing.
“Bha mi gu math òg is tha mi a’ creidsinn gun robh mi deamhnaidh is nach robh mi ‘son a bhith a’ leantainn nan aon sgiobaidhean ‘s a bhiodh feadhainn eile a thaobh an Old Firm no càil”, tha Magaidh NicAoidh à Nis ag innse. "'S dòcha gun robh mi dèidheil air an dath orainds!”
Tha Magaidh den bheachd gu bheil gu leòr de luchd-taic an là an-diugh nach eil idir mothachail air freumhan uaine a’ chluba, is tha i toilichte gu bheil United a’ comharrachadh an dualchais seo tron t-seusan seo le diofar thachartasan is leine uaine.
"Tha e math a bhith a’ comharrachadh is a’ cuimhneachadh cò às a thàinig sgioba. Feumaidh tu a bhith a’ cuimhneachadh a' bhun-stèidh a bh’ aca – gur ann bho Dundee Hibs a thàinig iad – is tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad ga dhèanamh ann an dòigh a tha dha-rìribh iomchaidh”, tha i ag ràdh.
‘S e tàmailt a th’ ann dhan chluba ge-tà, gu bheil iad a’ comharrachadh na clach-mhìle às an dàrna ìre de bhall-coise na h-Alba, lìg nas ìsle na Dùn Dè, coltach ri Dundee Hibs air ais aig toiseach 1923/24.
Dìreach mar a bha na stiùirichean bho shean, tha a h-uile duine aig Tannadice san là an-diugh airson an cluba fhaicinn aig àrd-ìre.
“Gu math tric nuair a tha Dùn Dè anns a’ Phrìomh Lìg, tha sinne air a bhith san Championship, no an dòigh eile, is tha e math nuair a tha an dà sgioba sa Phrìomh Lìg còmhla”, tha Magaidh ag ràdh.
“Tha sinn airidh air a bhith san Championship, gu mì-fhortanach, le mar a chluich sinn an-uiridh, ach ‘s e sgioba mhòr a th’ annta, tha cliù air a bhith aca is eachdraidh a thaobh soirbheachas san Roinn Eòrpa.
"Feumaidh sinn dìreach ar dìcheall a dhèanamh is faighinn air ais dhan Phrìomh Lìg far am bu chòir dhuinn a bhith – sin a bhiodh an luchd-leantainn a’ sùileachadh”.
Is mar a thuirt na pàipearan bho chionn 100 bliadhna, tha fios gur e sin an rud a b'fheàrr a b'urrainn tachairt do bhall-coise a' bhaile cuideachd.