Main content

Teaghlach, coimhearsnachd is iomain

"Thuirt tè ann an Inbhir Aora rium gum faic i òigridh le feadan an aon làmh 's caman san làimh eile" - Aonghas Pàdraig Caimbeul.

Bha iad ag iomain air bruaichean Loch Fìne bho shean. 'S dòcha gun cuala sibh mu phròbhost Inbhir Aora a bha na sgiobair air geama air ais ann an 1793?

Uill chan eil sin cho annasach. Ach gun robh e fhèin 100 bliadhna a dh'aois aig an àm. Bhuannaich an sgioba aige cuideachd.

Tha sgeulachd ann gun deach ceist a chur air fear nuair a bha iomain a' sìor fhàs san 19mh linn. Cò saoil an sgioba a b' fheàrr ann an Alba? Gheibheadh freagairt gu sìmplidh, thuirt e, le geama eadar Inbhir Aora is Sgioba Inbhir Aora Ghlaschu.

Taobhach

Seadh, dh'fhaodadh e a bhith gur ann às Inbhir Aora a bha an duine, ach bha tomhas co-dhìu den fhìrinn aige is an Celtic Monthly ag ràdh an 1897 "nach eil sgioba ann am Breatainn a nì a' chùis air Inbhir Aora".

Bha, mar a thachair, is bha aig Inbhir Aora ri feitheamh gu 1925 gus an cupa fhaighinn. Thàinig e a-rithist ann an 1926 is 1930.

'S iomadh oidhirp a bh' ann bhon uairsin an cupa a thilleadh gu Inbhir Aora, agus mar as trice bha Clann Mhic a' Phearsain an sàs. Bha iad air gluasad suas an loch bho Shrath Chura dhan Chàrn Dubh air adhbharan obrach. Gu cudromach, thug seo iad gu sgioba Inbhir Aora.

Anns na bliadhnaichean doirbha às dèidh an dàrna cogaidh is sluagh gann, chaidh Inbhir Aora còmhla ris na nàbaidhean aca san Fhùirneis gus Sgioba Taobh Loch Fìne a stèidheachadh.

Bha Dòmhnall is Uilleam Mac a' Phearsain am measg na chluich dhaibh. Theab iad Cupa na Camanachd a bhuannachadh. Theab is nach do theab.

Bha iad faisg anns an 1960an cuideachd air ais mar Inbhir Aora is le Dòmhnall aig an stiùir. Bha a mhac Ernie am measg nam Pearsanach a ràinig a' chuairt dheireannach. Ach cha d'fhuair iad an làmhan air a' chupa.

Thàinig crìonadh eile air sgìre Inbhir Aora anns an 1970an, rud a chuir crith tron chluba iomain. Leis an dà chuid gainnead obraichean is òigridh ann, chaidh an cluba nan tàmh ann an 1979.

Lèine

Buille mhòr dhan choimhearsnachd ach cha b' e buille bhàis a bh' ann. Cha robh muinntir an àite deònach leigeil leis a' chluba a dhol às an t-sealladh. Sa mhionaid thòisich obair am measg òigridh gus Inbhir Aora a chur air ais air an casan.

Ach gus geama fhaighinn iad fhèin, chaidh Ernie is Dàibhidh Mac a' Phearsain tarsainn an loch gus cluich do Shrath Chura.

Ernie, gu h-ainmeil, le lèine Inbhir Aora air fo lèine Shrath Chura gach seachdain.

Cha robh ceist mu dhìlseachd nam balach ge-tà. Bha iad nam pàirt den sgioba iomraiteach a thug Srath Chura dhan chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd, a' leagail Bhaile Ùr an t-Slèibh gu làr air an t-slighe.

Cha mhòr nach robh an dearbh chleas aca air an là mhòr. Tha spòrs cruaidh uaireannan ge-tà, agus rinn dà thadhal anns na fìor mhionaidean mu dheireadh an gnothach do Chaol Bhòid.

Fhad 's a bha sin a' dol air adhart, bha Clann Mhic a' Phearsain am measg na bha trang air ais ann an Inbhir Aora a' brosnachadh ginealaich eile de thàlant.

Aiseirigh

Bha Dàibhidh òg Mac a' Phearsain - Macca mar as fheàrr a dh'aithnichear e - nam measg.

"Cha robh mòran roghainn againn nuair a bha sinn òg. Bha e mar gum biodh - seo caman, siuthad", tha Dàibhidh a' cuimhneachadh.

Agus abair gun robh an t-ionnsachadh òg bòidheach taobh Loch Fìne. Le taic bho na seann laoich, thill sgioba Inbhir Aora gu farpais. Thòisich duaisean mòra a' tighinn anns na 90an.

Ann an 2002 ràinig iad a' chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd 'son a' chiad uair bho 1967. Chluich iad math, ach bha Raghnal Ros aig àirde a chumhachdan. Cha gabhadh stad a chur air agus chaidh an cupa air ais a Cheann a' Ghiùthsaich uair eile.

Bha fios aig Inbhir Aora nach robh iad fada air falbh. Thàinig an an ath chothrom mòr ann an 2004 is an Gearasdan nan aghaidh san Òban.

Cha robh ach aon tadhal sa gheama is thàinig e bho Eòghann MacMhurchaidh. Bha Cupa na Camanachd le Inbhir Aora às dèidh 74 bliadhna.

Dhachaigh

Gu h-iomchaidh, bha seann Dàibhidh Mac a' Phearsain aig an stiùir, Graham eadar na puist, Dàibhidh òg am meadhan na pàirce, Garry aig teas mheadhan gach rud aig an aghaidh. Is gu leòr eile a' cumail taic riutha air cùl ghnothaich.

"Làithean mar sin, sin as coireach gu bheil thu a' cluich iomain. Dhut fhèin, 'son do theaghlach is 'son do bhaile, thug e a h-uile duine còmhla", tha Dàibhidh òg a' cuimhneachadh.

"Bha Inbhir Aora stobte le daoine an oidhche ud. Bha pìobairean ann. Daoine a' crochadh a-mach às na h-uinneagan. Bha sinn uile treiseag a' tiormachadh às a dhèidh!"

Ged a thàinig iad faisg a-rithist, b' e sin aon turas a thog ginealach ùr Inbhir Aora Cupa na Camanachd.

Bha iad cianail faisg ann an 2012 is iad air thoiseach air Caol Bhòid mus do ghlèidh sgioba Thaigh na Bruaich 6-5. Inbhir Aora nan làighe briste air a' phàirc aig an deireadh is Caol Bhòid nan glòir.

"Choimhead mi a' chiad leth air ais. Chan eil mi fhathast air coimhead air an dàrna leth. Ach feumaidh tu meal a naidheachd a chur air Kyles, sin mar a tha iad. Ach bha e goirt", thuirt Macca.

Strì

Goirt 's a bha e, bha blàr tòrr nas motha air a bhith aig Dàibhidh.

"Bha mi aig trèanadh aon oidhche is bhuail am ball mi nam chlachan. Dà là às dèidh sin bha e fhathast goirt. Bha mi a' smaointinn gur e am ball iomain a bu choireach, ach thàinig e am bàrr gur e aillse a bh' ann.

"Chan eil fiosam am bithinn air a dhol dhan ospadal idir mura b' e gun d'fhuair mi a' bhuille ud. Fios agad mar a tha balaich; fàg e, bidh e glan. Bha mi fortanach, bha e tràth gu leòr".

Tha Dàibhidh air an t-suidheachadh aige fhèin a chleachdadh bhon uairsin feuch daoine eile a chuideachadh.

"Bha mise aineolach mu dheidhinn, cha robh sgot agam. 'S dòcha ma bha mi air cluinntinn barrachd roimhe, gum bithinn air a dhol dhan dotair nas tràithe. Ma tha an sgeulachd agamsa a' cuideachadh fiù 's aon duine a dhol dhan dotair, bidh mi toilichte".

Tha teachdaireachd aig Macca dhuibh a chàirdean: "Check your balls, bits and boobies".

"Chùm iomain a' dol mi aig an àm", tha e a' cuimhneachadh.

"Bha mi a' coimhead gach Disathairne ach bha mi 'son a bhith a' cluich. Fhuair mi air ais às dèidh trì no ceithir mìosan airson cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh, air ais air a' phàirc is mi cho maol ri òrd".

Seòid

Tha Dàibhidh air ceum air ais a ghabhail a-nise, gu ìre. Tha e air ais far an do thòisich e bho thùs, san dàrna sgioba. E fhèin a-nise am measg nam bodach a' cuideachadh an ath-ghinealaich. Chaidh a' chuibhle mun cuairt.

"B' e iomain mo bheatha. An rud a rinn mi aig an deireadh-sheachdain, na daoine ris an do chuir mi m'ùine seachad, an rud a bha gam chumail a' dol tron t-seachdain".

Tha rudan eile air aire a-nise is mac aig a' bhean Rona bho chionn cola-deug.

Seadh, ginealach eile de Phearsanaich iomain Inbhir Aora, is a sheanair, a rèir choltais air caman is ball a cheannach dha mar-thà.

Ach 's e an rud a tha buileach iongantach mu stòiridh Chlann MhicPhearsain Inbhir Aora, 's dòcha, nach eil e cho iongantach ann an saoghal na h-iomain ann. Chan eil iad nan aonar mar theaghlach le ginealachan de sheirbheis dhan spòrs, fiù 's sa chluba aca fhèin.

Na Dòmhnallaich ann an Taigh na Bruaich. Clann MhicRath aig Ceann Loch Seile. Cowies is Murchisons san Eilean Sgitheanach. Clann MhicArtair is MhicRisnidh am Baile Ùr an t-Sleibh is Dallases ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Agus gu leòr eile air feadh na Gàidhealtachd. Thèid dualchas an aghaidh nan creag.

Chan eil sin idir a' ciallachadh nach eil iomain ag atharrachadh.

Rionnagan

Thug e ro fhada, ach tha na boireannaich, cho mòr an sàs air cùl ghnothaich thar nam bliadhnaichean taobh Loch Fìne is gach àite eile, mu dheireadh a' faighinn aithne mar as còir air a' phàirc cuideachd.

Tha iomain nam bàn a' sìor fhàs ach mar-thà aig an ìre as àirde, tha rionnagan aca ann an Lorna NicRath aig na Sgitheanaich is Kirsty Deans aig Bàideanach a tha a' deàrrsadh cho soilleir ri dad a th' aig na fir.

An geama a' gluasad leis na coimhearsnachdan anns a bheil e cho snìomhte.

Teaghlach is coimhearsnachd, beatha is bàs, còmhstrì is call, gaol, glòir is bristeadh-cridhe. Agus iomain. An còmhnaidh iomain.

/naidheachdan/51574835