Main content

ICT gun na cunntasan bliadhnail aca fhoillseachadh

Tha e air faileachadh air Caley Thistle Inbhir Nis an ceann-latha airson nan cunntasan bliadhnail aca a choileanadh.

Bha còir aca a bhith air am foillseachadh air an 29mh dhen Ghearran, ach dh'iarr an cluba dàil trì mìosan gu Dihaoine a chaidh.

Leis nach deach an ceann-latha ùr seo a choileanadh, dh'fhaodadh gun tèid càin a chur air a' chluba.

Sheall na cunntasan bliadhnail aca chun a' Chèitein 2022, a chaidh fhoillseachadh an uiridh, gun robh iad air £835,000 a chall.

Thug sin an t-suim a bha iad air call thairis air sia bliadhna gu £3.5m.

Tha iomagain ann nach reic ICT uidhir de thiceadan seusain am bliadhna as dèidh mar a dh'innis iad gum bi iad a' gluasad an t-ionad treànaidh aca gu Fìobha, agus na planaichean air fearg mòr adhbhrachadh am measg luchd-taic.

Tha e a' tighinn aig àm nuair a bhios cuideam air a' chluba co-dhiù le nas lugha de dh'ionmhas ann an Lìog 1.

Tha am 91Èȱ¬ air beachd iarraidh bho Chaley Thistle.

/naidheachdan/sgeulachdan/cd11nj39qjdo