Taghadh Chupa a' Bhaile Mhòir
Bha fear de na geamaichean as eachdraidheil ann an saoghal na h-iomain am measg na thàinig às an ad ann an taghadh Chupa a' Bhaile Mhòir Diluain.

Bidh an geama sin ann an Druim na Drochaid is Srath Ghlais gus tadhal air na seann nàimhdean aca Gleann Urchadain.
Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich, a bhuannaich an cupa an-uiridh, an aghaidh Ghleann Garadh sa chiad chuairt.
Thèid a' Mhanachainn, a chaill ris na Sgitheanaich sa chuairt dheireannaich ann an 2021, dìreach dhan dàrna chuairt.
Tha ainm ùr san taghadh aig deas is Gleann Urchaidh is Taigh an Uillt air a dhol còmhla mar Cruachanside.
Cluichidh iadsan Celtic an Òbain sa chiad chuairt.
Tha an taghadh air fad mar a leanas:
Tuath
Gleann Urchadain - Srath Ghlais
Gleann Garadh - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Inbhir Nis - Loch Abar
A' Mhanachainn dìreach dhan dàrna chuairt.
Deas
Celtic an Òbain - Cruachanside
Baile a' Chaolais - An Caol Ghleann
Eilean Bhòid - Obar Dobhair
Inbhir Aora dìreach dhan dàrna chuairt.
Tòisichidh an seusan ùr ann an iomain nam fear Disathairne an 5mh den Mhàrt.