Alba agus Sasainn gus 150 bliadhna a chomharrachadh
Thèid Alba agus Sasainn an aghaidh a chèile san t-Sultain 2023 aig Pàirce Hampden gus comharrachadh 150 bliadhna bhon chiad gheama eadar na dùtchannan.
'S ann ann an 1872 a choinnich iad airson a' chiad turas - geama a tha FIFA ag aithneachadh mar a' chiad gheama ball-coise eadar-nàiseanta a-riamh.
Nochd 4000 luchd-taic airson an geama fhaicinn aig Pàirce Criogaid Alba an Iar ann am Partaig air an 30mh den t-Samhain 1872.
Chaidh na cluicheadairean uile aig Alba a thaghadh bho Queen's Park - an sgioba as motha san dùthaich aig an àm, ged nach robh dùil an toiseach gur e sin a thachradh.
Cha robh e comasach do dhithis chluicheadairean Albannach cluich leis gun robh iad an sàs ann an cuairt dheireannach Chupa an FA.
Bha aig Arthur F Kinnaird agus Lt Henry Waugh Renny-Tailyour feitheamh gu 1873 airson Alba a riochdachadh.
Bliadhna làn thachartasan
Bidh an geama an ath-bhliadhna mar phàirt de shreath thachartasan aig an SFA ann an 2023 airson eachdraidh na buidhne a chomharrachadh cuideachd.
"Bu chòir dhan a-h-uile duine a tha a' gabhail tlachd bho bhall-coise - ann an dòigh sam bith - taing a thoirt dha na daoine a thòisich ball-coise eadar-nàiseanta", thuirt ceann-suidhe an SFA, Rod Petrie.
Pròiseil
"Tha a' chiad gheama eadar-nàiseanta eadar Alba agus Sasainn glaicte ann an eachdraidh ball-coise na cruinne agus bidh mi pròiseil a bhith os cionn na sgioba airson a' gheama an ath-bhliadhna", thuirt àrd-choidse na h-Alba, Steve Clarke.
"Bidh seo na thachartas sònraichte airson ar cluicheadairean agus ar luchd-taic, gu h-àraid às dèidh a' gheama aig Euro 2020 eadar na sgiobaidhean aig Pàirce Wembley", thuirt e.
Thèid an geama eadar Alba agus Sasainn a chumail aig Pàirce Hampden Dimàirt an 12 den t-Sultain 2023.