Seusan eachdraidheil san iomain air fà ire
Dè an ceangal a tha ann eadar Brian Clough, Don Revie is seusan ùr na h-iomain?
Bidh cuimhne aig cuid, 's dòcha, air mar a ghabh Clough àite Revie mar mhanaidsear Leeds Utd air ais ann an 1974.
'S e dreuchd glè tharraingeach a bh' ann ann an dòigh is Revie air sgioba air leth fhàgail - sgioba a bha dìreach air Lìog Shasainn a bhuannachadh.
Cha robh e tarraingeach san t-seadh is gun robh mòran a' ceasnachadh ciamar idir a b'urrainn do Chlough dèanamh na b' fheàrr aig Elland Road na bha am fear a bh' ann roimhe.
Bha Clough fhèin soilleir gu leòr: "Bha mi airson an lìog a bhuannachadh a-rithist - ach bha mi airson a bhuannachadh na b'fheàrr".
Cha do chòrd sin ri Revie no ri cluicheadairean Leeds. Cha do rinn e feum dha Clough na bu mhotha gun robh e air fàgail air Leeds roimhe gur e sgioba shalach a bh' annta. Sgeulachd eile a tha sin.
Co-dhiù, cha do bhuannaich Clough an lìog na b'fheàrr. Cha do bhuannaich e an lìog idir is cha do mhair e aig Elland Road ach 44 là.
Seadh, dè an gnothach a tha aige seo ri seusan ùr na h-iomain a thòiseachas Disathairne? Seusan eachdraidheil is cuairt dheireannach Chupa na Camanachd gu bhith aig Pàirc a' Bhucht 100 bliadhna bho chaidh a chluich an sin an toiseach.
'S e gu bheil John Gibson air a dhreuchd mar mhanaidsear Cheann a' Ghiùthsaich fhàgail às dèidh dha an cluba a stiùireadh air ais gu àrd-ìre is a h-uile duais a bh' ann a bhuannachadh ann an 2022.
Cha robh sgioba sam bith air Grand Slam na h-iomain a bhuannachadh bho 2003.
Eil e comasach sin a dhèanamh nas fheàrr na rinn Gibson?
'S e sin an dùbhlan a tha mu choinneamh Iain Borthwick. Agus tha co-dhiù eòlas gu leòr aigesan is e air na duaisean uile a thogail mar chluicheadair le Ceann a' Ghiùthsaich anns na 90an.
A' bruidhinn ri 91Èȱ¬ Naidheachdan, bha Borthwick beagan na b'iriseile na bha Brian Clough ach cha robh e idir gann de mhisneachd.
"Cha do chaill iad ach aona gheama an-uiridh. 'S e an aon dòigh a nì iad nas fheàrr na sin 's e a h-uile geama a bhuannachadh. Cha bhi e furasta ach tha e nan làmhan fhèin.
"'S urrainn dhaibh a dhèanamh is gabhaidh sinn gach geama mar a thig e".
'S iongantach mura mair Borthwick nas fhaide na 44 là san obair is 'e fìor dheagh sgioba a bheir gin de na duaisean bhon sgioba aige.
'S e Ceann Loch Seile an aon sgioba a rinn a' chùis air Kings an-uiridh, ged a 's e briseadh-dùil a bha san t-seusan dhaibh gu ìre às dèidh Cupa na Camanachd agus Cupa MhicThàmhais a thogail ann an 2021.
'S e deireadh linn a bh' ann air a' cheann thall le Johnston Gill a' fàgail dreuchd a' mhanaidseir is Willie MacRath a' tighinn na àite. Tha deagh naidheachd ann dha MacRath cuideachd is Oliver is Donnchadh MacRath is Johnnie MacAsgaill air tilleadh bho Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal, is Ruairidh Dòmhnallach air tighinn a-steach bho Ghleanna Garradh.
"Tha sinn ag amas air an lìog. Tha e doirbh a bhuannachadh ach leis an sgioba a th' agam is an doimhneachd, tha mi a' smaointinn gun urrainn dhuinn oidhirp a dhèanamh air", thuirt am manaidsear ùr.
"Tha feum air beagan fortain anns na cupanan is tha geamaichean againn aig an taigh annta sin mar-thà is 's e toiseach-tòiseachaidh math a tha sin", thuirt e.
Air cùl Sheile ann an 2022 bha Baile Ùr an t-Slèibh, Lòbhat is Camanachd an Òbain.
Tha am Baile Ùr ann an dòigh eadar sgiobaidhean an-dràsta is linn gu math soirbheachail seachad ach le tàlant gu leòr fhathast aca is barrachd a' tighinn troimhe. 'S dòcha gu bheil an lìog cus dhaibh an-dràsta ach bidh iad gu mòr ag amas air na cupanan is buille no dhà a landaigeadh air Ceann a' Ghiùthsaich.
'S e sin a bhios san amharc do Lòbhat cuideachd. Bidh iadsan mothachail gu bheil an ùine car a' ruith air ginealach fìor mhath agus, ann am beachd cuid, gur dòcha nach do bhuannaich iad na h-uimhir de dhuaisean 's a bha còir.
'S e sin an dùbhlan do Jamie MacMhathain is an sgioba aige, ged a bhios dùbhlan eile 's dòcha aig MacMhathain fhèin nochdadh ann am Bàideanach às dèidh na thuirt e mu mhuinntir na sgìre air là cuairt dheireannach Chupa na Camanachd sa phrògram iomain air 91Èȱ¬ Scotland deireadh na bliadhna an-uiridh. Bidh Lòbhat an dòchas gun tig rudeigin nas susbaintiche à òraidean MhicMhathain anns na mìosan ri tighinn.
'S e theab is nach do theab a bh' ann do Chamanachd an Òbain cuideachd ann an 2022 is iad a' tighinn faisg air a' chùis a dhèanamh air Ceann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh.
Chaill iad air a' cheann thall is bidh iad mothachail cuideachd nach do thog iad Cupa Comann Cheilteach Ghlaschu bho 2019, buille do sgioba a tha gam meas fhèin mar phrìomh sgioba a chinn a deas anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Bidh iad gu mòr ag amas air co-dhiù aon duais a thogail am-bliadhna.
'S e clach-mhìle mhòr a bh' ann an 2022 do Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal. Chan ann a-mhàin gun do chùm iad àite sa Phrìomh Lìog - ach gun do bhuannaich iad an Cupa Ceilteach 'son a' chiad uair bho 1980.
Là air leth a bh' ann dhan chluba is fear às a' bhaile mhòr air ainmeachadh mar shàr chluicheadair a' gheama cuideachd.
'S e an dùbhlan a-nise feuchainn ri togail air an t-soirbheachas, a dh'aindeoin is gu bheil cuid de na seòid air tilleadh gu Ceann Loch Seile.
'S ann air Caol Bhòid a rinn GMA a' chùis sa chuairt dheireannaich, buille eile ann an seusan car truagh do sgioba Thaigh na Bruaich.
Tha cùisean air atharrachadh gu mòr is Raibeart Baxter air falbh mar mhanaidsear le còignear de na cluicheadairean air a dhol na àite.
Modail car radigeach ach tha Caol Bhòid cuideachd air an sgioba a neartachadh le Will Cowie air tighinn à Camanachd an Eilein Sgitheanaich is Iain Ceannadach à Inbhir Aora.
Bidh mòran a' cumail sùil gheur air deuchainn Thaigh na Bruaich.
Tha cruth-atharrachadh ann an Srath Pheofhair cuideachd is Jodi Gorski air seasamh sìos às dèidh seachd bliadhna gu math soirbheachail le Cabar Fèidh.
Dh'fhàg Gorski Cabers air an stèidheachadh sa Phrìomh Lìog is le sgioba gu math comasach. 'S e an aon rud nach do rinn e cupa mòr a bhuannachadh - ged a bha aon làmh cha mhòr aca air Cupa MhicThàmhais an-uiridh is iad 2-0 air thoiseach sa chuairt dheireannaich mus do thill Ceann a' Ghiùthsaich orra.
'S e sin an dùbhlan a-nise do Garry Reid.
"Tha mi air a bhith a' coidseadh sgioba na h-Alba ach bha mi airson tilleadh gu iomain chluba is thug Cabar Fèidh dhomh an cothrom.
"Tha mi air iarraidh air na balaich fàs nas fut is na sgilean aca a leasachadh is rudeigin a bharrachd a thoirt dhan sgioba. Tha iad air sin uile a dhèanamh thuige seo", dh'innis Reid.
Chan eil sin a' fàgail ach an dà sgioba a thàinig suas bhon Lìog Nàiseanta.
'S iad na Sgitheanaich a bhuannaich an lìog sin an-uiridh. Tha iad eòlach gu leòr air a' Phrìomh Lìog is 's e an t-amas an turas seo a-rithist gum fuirich iad ann.
Ged tha Will Cowie air falbh do Chaol Bhòid is Somhairle MacDhòmhnaill air sguir a chluich às dèidh dha an t-Eilean a chuideachadh air ais suas, tha Sam Stubbs is Kenny Cushnie air tighinn a-steach.
"'S e deagh sheusan a bhios ann dhuinn ma thèid againn air fuireach sa Phrìomh Lìog", dh'innis manaidsear nan Sgitheanach, Kenny MacLeòid, do BhBC Naidheachdan.
"Tha fios againn dè tha romhainn is bidh gach sgioba a' toirt phuingean bho chàch a chèile. Bidh blàr aig mullach na lìge, blàr sa mheadhan, is blàr nas motha aig a' bhonn chanainn is dh'fhaodadh grunn sgiobaidhean a bhith air an slugadh a-steach.
"Bidh sinn ag amas air adhartas anns na cupanan cuideachd is an rud as motha dìreach gun cùm sinn a h-uile duine fut", thuirt e.
'S e seusan eachraidheil a th' ann 'son na Manachainn is iad sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad turas is bliadhnaichean de dh'obair chruaidh aig ìre òigridh a' tighinn gu buil.
Gu follaiseach, 's e targaid a' chuba a-nise iad fhèin a stèidheachadh aig an ìre as àirde, mar a tha cuid de na nàbaidhean aca roimhe.
"Tha barrachd eòlais aig sgiobaidhean eile aig an ìre seo ach tha cuid sa bhuidhinn againn a tha air cluich sa Phrìomh Lìog ron seo", thuirt co-mhanaidsear na Manachainn, Griogar MacCarmaig.
"Bhithinn an dòchas gum bi sinn farpaiseach is bidh sinn deiseil air a shon", thuirt e.
Tha an cluba cuideachd an dòchas barrachd dhaoine a thàladh chun nan geamaichean aca sa Phrìomh Lìog, ged a dh'fheumas iad feitheamh mus tòisich iad is Ceann a' Ghiùthsaich - a bha gus cluich an aghaidh na Manachainn - air iarraidh a bhith nan tàmh a' chiad là den t-seusan.
San Lìog Nàiseanta bidh dùil gum bi An Gearasdan is Cill Mhàilidh a' sabaid airson tilleadh dhan Phrìomh Lìog sa bhad.
Thig dùbhlan bho Inbhir Aora far a bheil cathraiche a' chluba, Anndra Watt, a-nise air a dhol na mhanaidsear cuideachd.
Ann an Lìog Tuath 2 tha manaidsear ùr aig Camanachd Leòdhais is Donnchadh Mac an t-Saoir a' tilleadh.
Bha Mac an t-Saoir roimhe na mhanaidsear eadar 2016 is 2017 is e cuideachd na là na chluicheadair iomraiteach dhan chluba.
Bha seusan glè mhath san fharsaingeachd aig Leòdhas fo Iain MacAsgaill an-uiridh is bidh Mac an t-Saoir ag amas air togail air sin.
Tòisichidh iomain nam ban air an deireadh-sheachdain cuideachd, ged nach bi geamaichean idir san Lìog Nàiseanta an t-seachdain seo.