Iain Robinson: "Bha sinn ag iarraidh nam puingean agus sin a fhuair sinn"
Thill Baile Ùr an t-Slèibh gu soirbheachas sa Phrìomh Lìog Disathairne is iad air a' chùis a dhèanamh air Loch Abar 4-1.
Tha seusan Bhaile Ùr an t-Slèibh air a bhith car stigeach gu ruige seo às dèidh dhaibh dìreach aon gheama a bhuannachadh a-mach à ceithir a' dol a-steach dhan gheama seo.
Ach rinn Iain Robinson cinnteach gun robh iad a' dol a-steach gu leth-ùine air thoiseach mar a rinn e an aghaidh nan Sgitheanach aig toiseach a' Mhàirt le dà thadhal bho astar - rud a tha e a' dèanamh tric dhan sgioba aige.
Rinn Craig Ritchie feasgar Loch Abair nas doirbhe fhathast le tadhal eile do Bhaile Ùr an t-Slèibh dìreach dà mhionaid a-steach dhan dàrna leth.
Fhreagair Max Caimbeul dhà no thrì mionaidean às dèidh sin le tadhal do Loch Abar ach thàinig dòchasan na sgioba aige gu crìch nuair a chuir Cameron MacNaomhain an ceathramh tadhal do Bhaile Ùr an t-Slèibh le mu deich mionaidean ri dhol.
Grunn gheamaichean dheth
B' e an geama eadar Baile Ùr an t-Slèibh agus Loch Abar an aon fhear a chaidh air adhart ann am Prìomh Lìog nam Fear Disathairne.
Air sgath na h-aimsire o chionn ghoirid, chaidh co-dhùnaidhean a dhèanamh nach robh na pàircean sna ceithir geamaichean eile ann an staid math gu leòr airson cluich.
Cupa an t-Sutharlanaich
'S iad an dàrna sgioba aig Ceann a' Ghiùthsaich a thàinig am bàrr an aghaidh Ghleann Urchadain anns a' chiad chuairt de Chupa an t-Sutharlanaich.
A dh'aindeoin 's gu bheil Gleann Urchadain air trì a-mach às na ceithir geamaichean aca ann an Lìog a h-Aon aig Tuath a bhuannachadh, cha robh gu leòr aca airson stad a chur air Ceann a' Ghiùthsaich air sgath cho làidir 's a bha a' bheing aca.
Bha an sgòr co-ionnann gun tadhal aig letheach-ùine ach 's ann san dàrna leth a dhùisg Ceann a' Ghiùthsaich leis an dithis Svend Pederson agus Miko Berowski a' cur na sgioba aca 2-0 air thoiseach.
Thug Oliver Mac'illeDhuibh dòchas do Ghleann Urchadain le tadhal sa bhogsa fo chuideam loidhne-dìon Cheann a' Ghiùthsaich.
Ach às dèidh beagan de mhì-chinnt ann am bogsa Ghleann Urchadain, ghabh Raibeart Sheills an cothrom am ball a bhualadh dhan lìon airson a bhith cinnteach gur iadsan a bhios a' dol a-steach dhan dàrna cuairt le tadhal goirid ron fhideig mu dheireadh.
Inbhir Nis a' tighinn am bàrr
Chaidh sia geamaichean eile a chur dheth sa chiad chuairt de Chupa an t-Sutharlanaich, ach bhuannaich Inbhir Nis an aghaidh Bhoth Fhleisginn sa gheama eile a chaidh air adhart.
Chuir Ruairidh Boag Inbhir Nis air thoiseach às dèidh do na sgiobaidhean faisg air fichead mionaid a cluich, ach chuir Gary Marshall tadhal le breab-pheanais 65 mionaid a-steach dhan gheama - 's bha an geama co-ionnann.
Le dusan mionaid air fhàgail air a' ghleoc ge-tà, nochd Skye Mac an Tòisich airson Inbhir Nis a chur air thoiseach agus siud mar a chrìochnaich an geama.