Main content

Cion rèitirean ann an iomain a-rithist

Tha trioblaid le cion rèitirean air nochdadh ann an camanachd a-rithist.

Tha Comann na Camanachd air litir a' sgrìobhadh gu clubaichean airson taic le rèitirean ùra fhaighinn agus seusan ùr nam fear a' tòiseachadh Disathairne.

Tha iad ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid geamannan a chur dheth le mar a tha cùisean an-dràsta.

Thòisich seusan nam boireannach aig an deireadh-sheachdain le geamannan anns an Dàrna Lìg mu thuath.

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil staing gu math mòr ann le gainnead rèitirean agus tha tàir air a bhith aig Comann na Camanachd fad bhliadhnaichean gu leòr dhiubh fhaighinn.

Anns an fhiosrachadh a chaidh a sgaoileadh gu na diofar chlubaichean, tha iad ag innse gun deach sianar rèitirean a chall bhon t-seusan mu dheireadh.

Nam measg, tha Derek Camshron, fear den fheadhainn a b' fheàrr a bh' ann.

A bharrachd air an sin, tha cuid a tha air an goirteachadh is cha bhi iad rim faighinn airson toiseach an t-seusain.

Mar sin, tha Comann na Camanachd ann an suidheachadh pìos nas miosa na bha iad an-uiridh.

Uile gu lèir tha Comann na Camanachd ag ràdh gu bheil 22 rèitire ann aig an ìre seo is gu bheil uaireanann suas ri 25 geamannan ann thairis air deireadh-seachdain.

Tha iad a' togail air gluasad a thàinig a-steach bho chionn beagan bhliadhnaichean, nuair nach eil rèitire ann, gum feum an cluba a th' aig an taigh rèitire a chur air dòigh - fuasgladh gu ìre ach rud a tha doirbh aig amannan.

Ach tha an Comann ag ràdh fiù 's le seo a' tachairt, gu bheil cunnart ann aig an ìre seo gun tèid geamannan a chur dheth ri linn is nach bi rèitirean gu leòr ann.

Taic

Tha iad sireadh taic nan clubaichean gus barrachd rèitirean a lorg. Sin duine sam bith le ùidh sa ghnothach, bho chuid a bha a' cluich no a tha a' leantainn iomain, no feadhainn 's dòcha a rinn rèitearachd aig ìre òigridh.

Tha iad ag ràdh gun cuireadh iad fàilte air daoine fiù 's ged nach biodh iad saor gach seachdain. Dhèanadh e feum, tha Comann na Camanachd ag ràdh, fiù 's nam biodh iad rim faighinn turas sa mhìos.

Thuirt an Comann gum faigh duine sam bith a thig air adhart trèanadh is taic aig cùrsa gus am bi iad ullaichte airson a dhol os cionn gheamannan. Thuirt iad nam biodh buidheann de dhaoine ann an aon sgìre, gum biodh iad ro dhèonach a dhol a-mach thuca is cùrsa a dhèanamh.

Ach 's e an teachdaireachd bho Chomann na Camanachd gum feum iad taic nan clubaichean leis an seo, is iad ag ràdh mura faigh iad cuideachadh, gu bheil an staing seo a' dol a leantainn.

/naidheachdan/sgeulachdan/cn0n0r8ldeno