Main content

Fàilte is rabhadh mu leasachadh a' Bhucht

Chaidh fàilte a chur air planaichean 'son Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis a leasachadh, ged a tha ceist ann mu chosgais a' phròiseict.

Thòisich co-chomhairle phoblach an t-seachdain seo air leasachaidhean ris a bheil dùil aig a' Bhucht, aig Pàirce Chruinneachaidh a Chinn a Tuath, agus aig Caisteal Inbhir Nis.

Thig £20m 'son nam pròiseactan bho Storas Cothromachaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Thèid £7.1m a chosg air Pàirc a' Bhucht le obair-leasachaidh air an stand agus taigh-tasgaidh iomain am measg a bhios na chois.

Iomairt

Bha eòlaiche na h-iomain, Ùisdean MacIllinnein - a tha air a bhith ag iomairt airson taigh-tasgaidh iomain bho chionn fhada - am measg na chuir fàilte air na planaichean.

Tha e ag ràdh gu bheil e anabarrach cudromach gun gabh iomain brath air a' chothrom seo.

"Feumaidh sinn an cothrom a ghabhail is ma leigeas sinn seachad e, tha mise den bharail nach nochd e a-rithist, 's dòcha gum bi ginealachdan eile ann.

"Dhomhsa 's e Pàirc a' Bhucht an t-àite air a shon. Tha 100 bliadhna an ath-bhliadhna bhon a bha a' chiad chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd aig a' Bhucht is tha e ann am meadhan na dùthcha.

"Ach feumar a bhith mothachail gu bheil facal aig saoghal na camanachd anns na fharsaingeachd anns a' phlana, ged a tha e stèidhichte ann an Inbhir Nis", thuirt e.

Dh'innis Ùisdean gu bheil cruaidh-fheum aig Pàirc a' Bhucht air leasachadh is e ag ràdh gu bheil staid nan goireasan an-dràsta "maslach".

Thuirt e gu bheil e fìor chudromach cuideachd gun tèid a' phàirc-chluiche a thoirt gu ìre, a thuilleadh air na togalaichean timcheall oirre.

Ach ged a tha dòchas ann mu na buannachdan a bhiodh ann do dh'iomain, nochd rabhadh cuideachd mu chosgais a' phròiseict.

Dh'innis manaidsear pròiseict Comhairle na Gàidhealtachd, Jason Kelman, gu bheil cosgaisean san fharsaingeachd air a dhol suas gu mòr bho chaidh an tagradh a dhèanamh.

Dùbhlan

Dh'aidich e gum faodadh sin a bhith na dhùbhlan.

"Tha cùisean troimhe-chèile ann an gnìomhachas an togail an-dràsta. Bho chaidh am buidseat seo a stèidheachadh tha prìsean air a dhol suas.

"Tha buidseat againn is feumaidh sinn fuireach taobh a-staigh a' bhuidseit sin. 'S e an obair a th' againn a-nise seo a chur ri chèile is a thoirt gu buil leis an airgead a th' againn", thuirt e.

Thathas an dòchas gum bi an leasachadh ullamh ann an 2024.

/naidheachdan/61899317