Main content

Cupa Lìg nam Ban: Partick Thistle v Hibernian

Bidh Partick Thistle an dòchas stad a chur air Hibernian ceum nas fhaisge a dhol air Cupa Lìg nam Ban a thogail airson an ochdamh uair Didòmhnaich.

Thig an dà sgioba còmhla san iar-chuairt dheireannaich aig Pàirce Petershill le fios aig an dà sgioba gu bheil Rangers a' feitheamh orra às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Celtic 3-2 oidhche Haoine.

'S e rud sònraichte a bhiodh ann do Phartick ma 's e iadsan a bhios a' coinneachadh Rangers sa chuairt dheireannaich is deich bliadhna ann bhon a chaidh an sgioba aca a stèidheachadh.

Agus tha dùil ri sluagh mòr aig a' gheama le glè bheag eadar na sgiobaidhean.

A' bheàrn eadar na sgiobaidhean

Chan eil ach dà phuing a' sgaradh nan sgiobaidhean ann am Prìomh Lìg nam Ban agus bidh an dà chluba an ìre mhath toilichte le mar a tha cùisean air a bhith dol dhaibh.

Tha beàrn fhathast ann eadar Hibs agus na trì sgiobaidhean as treasa san lìg - Rangers, Celtic agus Glasgow City.

Ach tha iad sa cheathramh àite le cothrom aca fhathast ann an Cupa na Lìge agus Cupa na h-Alba tilleadh gu soirbheachas às dèidh dhaibh faisg air còig bliadhna a chur seachad gun sìon a bhuannachadh.

'S iad an cluba as soirbheachaile ann an Cupa na Lìge agus bidh iad airson cur ris an eachdraidh a tha sin le cothrom eile na làmhan aca fhaighinn air a' chupa.

Thàinig Partick Thistle am bàrr sa gheama mu dheireadh eadar na sgiobaidhean nuair a ghlèidh dà thadhal Lucy Sinclair na trì puingean dhaibh.

Faodaidh Thistle misneachd fhaighinn cuideachd ma coimheadas iad air an adhartas aca thairis air na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Dìreach dà bhliadhna air ais, bha iad a' cluich ann an SWPL 2 agus às dèidh dhaibh crìochnachadh sa naoidheamh àite sa Phrìomh Lìg air an t-seusan a dh'fhalbh, tha coltas ann gu bheil iad air na casan aca a lorg a-nis is iad a' suidhe san t-siathamh àite.

Mar sin, bidh iad a' creidsinn gun urrainn dhaibh àite sa chuairt dheireannaich a choisinn airson a' chiad uair nan eachdraidh.

/naidheachdan/sgeulachdan/cx9d8jgdkdno