Main content

Iomairt ùr air fàire do dh'Alba

Thàinig aon iomairt gu crìch an aghaidh na h-Ucràin oidhche Chiadain do Sgioba Ball-coise na h-Alba, ach tòisichidh iomairt ùr dìreach seachdain às dèidh sin ann an Lìog nan Dùthchannan an aghaidh Armenia.

'S e briseadh-cridhe a bh' ann do na h-Albannaich nuair a chaill iad cothrom A' Chuimrigh a chluich airson faighinn gu Cupa na Cruinne 2022.

Ge-tà, tha aca ri trì geamaichean a chluich thairis air sia làithean.

Às dèidh dhaibh Armenia a chluich aig Pàirc Hampden oidhche Chiadain, thèid iad an aghaidh Èirinn a Tuath ann am Baile Àtha Cliath. Às dèidh sin, bidh aca ri Armenia a chluich a-rithist thall ann an Yerevan.

Lìog nan Dùthchannan

Chaidh Liog nan Dùthchannan a stèidheachadh ann an 2018 airson dèanamh às le geamaichean càirdeach.

Bidh luchd-taic na h-Alba an dòchas gum bi e comasach do Steve Clarke an sgioba aige a thogail thairis air na geamaichean seo às dèidh dhaibh adhartas mòr a dhèanamh sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

A bharrachd air sin, a dh'aindeoin 's nach eil UEFA air na riaghailtean dearbhaidh airson EURO 2024 a dhearbhadh fhathast, 's e Lìog nan Dùthchannan a chuidich Alba ann a bhith a' faighinn gu EURO 2020.

Chrìochnaich iad aig mullach Buidheann C1 fo stiùir Ailig McLeish agus choisinn iad àite ann an iar-chuairt dearbhaidh Euro 2020.

Rinn iad a' chùis air Israel sa gheama sin às dèidh breaban-peanais mus do bhuannaich iad an aghaidh Sherbia air an oidhche eachdraidheil sin ann am Belgrade.

Mar sin, feumaidh Sgioba na h-Alba an dìcheall a dhèanamh sna geamaichean seo ann an Lìog nan Dùthchannan airson dèanamh cinnteach gu bheil iad ann an suidheachadh fàbharach.

Aig a' char as lugha, ma chrìochnachaís iad le bharrachd phuingean na an Ucràin, Armenia agus Èirinn a Tuath ann am Buidheann B1, thèid iad a-steach gu aon de na buidhnean aig ìre A san ath-fharpais de Lìog nan Dùthchannan far an tèid iad an aghaidh cuid dhe na sgiobaidhean as fheàrr san t-saoghal.

Bha Kieran Tierney a dhìth air Clarke an aghaidh na h-Ucràin agus bidh Lyndon Dykes a dhìth air cuideachd às dèidh dha a chas a ghoirteachadh.

Bidh cuid den bheachd gur e cothrom a tha seo do Clarke cruth eadar-dhealaichte fheuchainn leis gu bheil e air an aon seòrsa stoidhle a chleachdadh bhon a thòisich e ann an 2019.

Chan eil Armenia ach air dìreach dà gheama a bhuannachadh san dusan geama mu dheireadh aca, agus ged a rinn iad a' chùis air Poblachd na h-Èireann 1-0 sa gheama mu dheireadh, chuir Nirribhidh naoi tadhail seachad orra sa gheama ron a sin aig deireadh a' Mhàirt.

Cothrom cùisean atharrachadh air a' phàirce no fiù 's cothrom misneachd a chruthachadh am measg an sgioba às dèidh dhaibh àite ann an Cupa na Cruinne a chall aon turas eile.

/naidheachdan/61717908