Main content
Clà r ùr do Christina NicCoinnich
'S i Christina NicCoinnich à Leodhas a-nise am boireannach as luaithe a-riamh air baidhsagal eadar Lands End agus Taigh Iain Ghròt.

Chuir i crìoch madainn Dihaoine air an t-slighe fad còrr is 800 mìle ann an 51 uairean a thìde, 5 mionaidean agus 27 diogan.
Bha seo còrr air uair a thìde gu leth nas giorra na an uair a b'fheàrr ron a seo.
Bidh tuilleadh mun seo air Aithris an Fheasgair air 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal Dihaoine, agus air An Là air 91Èȱ¬ ALBA.