Main content
Sluagh mòr a' dèanamh air a' Ghearmailt
Tha sgioba na h-Alba air a' Ghearmailt a ruighinn is Euro 2024 a-nis a' teannadh dlùth.

'S e Dihaoine an là mòr nuair a dh'fhosglas na h-Albannaich an fharpais an aghaidh na Gearmailt ann am Munich.
Dùbhlan mòr do dh'Alba - ach cha bhi iad leotha fhèin is na mìltean a' dèanamh air a' Ghearmailt gus taic a chumail riutha.
Fhuair Javen Houston facal air cuid dhiubh.