Main content

County an dòchas gum bi Brophy am measg nan tadhal

Thuirt manaidsear Ross County gu bheil e air a dhòigh Eamonn Brophy a thoirt a dh'Inbhir Pheofharain is gu bheil e cinnteach gun neartaich Brophy an sgioba.

Bha Malky MacAoidh a' bruidhinn is Brophy, 26, air tighinn air iasad bho St Mirren gu deireadh an t-seusain.

Thòisich Brophy le Hamaltan ach 's ann aig Cille Mheàrnaig fo stiùir Steve Clarke a choisinn e cliù dha fhèin, is b' e Clarke a thug dha ceap do dh'Alba an aghaidh Cìoprais ann an 2019.

Ghluais e gu St Mirren ann an 2021 ach tha cùisean air a dhol ceàrr dha ann am Pàislig is chan eil e air tadhal fhaighinn air an t-seusan seo fhathast.

Tha MacAoidh an dùil gun atharraich sin ann an Inbhir Pheofharain.

"Tha sinn cho toilichte cuideigin le eòlas cho mòr a thoirt a-steach. Nì e diofar mòr is cuiridh e ris an sgioba.

Comasan

"Sheall Eamonn roimhe cho math 's a tha e aig an ìre seo is tha e cuideachd air cluich do dh'Alba.

"Chuir mi fhìn eòlas air nuair a bha e a' cluich do dh'Alba aig ìre òigridh is tha fios agam glè mhath dè na comasan a th' aige", thuirt e.

Bha County mar-thà air fear-aghaidh eile, Josh Stones, a thoirt air iasad bho Wigan nas tràithe air an t-seachdain.

Tha fathannan air a bhith a' cuairteachadh fear-aghaidh a bh' aca mar-thà, Jordan White, is St Johnstone air ùidh a nochdadh ann.

A' bruidhinn ris a' BhBC aig an deireadh-sheachdain, dhearbh MacAoidh gun robh còmhradh air a bhith ann le St Johnstone ach gu bheil 18 mìosan air fhàgail air cùmhnant White is nach biodh e a' fàgail County.

/naidheachdan/64412175