ICT air am pronnadh am Peairt
Tha Caley Thistle a' fuireach san Championship às dèidh dhaibh call 4-0 ri St Johnstone ann am Peairt oidhche Luain.
Bha dòchas ann do dh'Inbhir Nis is iad air crìochnachadh 2-2 sa chiad gheama Dihaoine le dà thadhal san 20 mionaid mu dheireadh bho Reece McAlear.
Thog iad air sin sa chiad leth aig Pàirce MhicDhiarmaid is làmh an uachdair aca.
Cha do ghabh iad brath air na cothroman a bh' aca is dh'atharraich an geama gu tur tràth san dàrna leth.
Beàrnan
Chaidh St Johnstone air thoiseach mionaid às dèidh dha na sgiobaidhean tòiseachadh às ùr is Stevie May a' cur a' bhuill dhan lìon is Mark Ridgers air stad a chur air oidhirp bho Melker Hallberg.
Seachd mionaidean às dèidh sin bha e 2-0, oidhirp bho Chammy Mac a' Phearsain a' bualadh far Sean Welsh is seachad air Ridgers.
Le ICT a' putadh suas feuch tadhal fhaighinn, thòisich beàrnan nochdadh aig a' chùl is chuir Calum Hendry is Shaun Rooney tadhail eile dha Saints anns na mionaidean mu dheireadh.
4-0 air an oidhche is 6-2 thairis air an dà gheama le St Johnstone a' fuireach sa Phrìomh Lìog.
"Moiteil às na cluicheadairean thairis air an t-seusan ach briseadh-dùil mar a chrìochnaich e", thuirt manaidsear ICT, Billy Dodds.
"Chluich sinn fìor mhath sa chiad leth is bha mi a' smaointinn gun robh e againn.
"Dh'atharraich an tadhal an geama. Nuair a fhuair iad tadhal is an uairsin tadhal eile far Sean Welsh, bha againn ri fosgladh suas is ghabh iad brath air an sin. Bha 4-0 gu math cruaidh air na balaich.
"Ionnsaichidh sinn às is bidh sinn deiseil 'son an ath-sheusan", thuirt e.
Dorcha
B' e faochadh a bh' ann 'son sgioba Pheairt.
"Bha sinn ann an àite dorcha san t-Samhain is an Dùbhlachd", thuirt am manaidsear aca, Calum Davidson.
"Chùm an cathraiche taic ruinn is fhuair sinn cluicheadairean a-steach.
"'S math a rinn iad agus ann an dòigh tha seo nas motha na an dà chupa a bhuannachadh an-uiridh, oir tha e cho doirbh gnothaichean a thionndadh nuair a tha thu a' call gheamaichean", thuirt e.