Main content

Geama Alba is Iosrael air cùlaibh dhorsan dùinte

Thèid geama sgioba nam ban aig Alba an aghaidh Iosrael air an 31mh den Chèitean a' chluiche air cùlaibh dhorsan dùinte, is draghan ann mu shàbhailteachd.

Tha boireannaich na h-Alba a' dol an aghaidh na h-Iosraelich ann am farpais dearbhaidh Euro 2025.

Thuirt Comann Ball-coise na h-Alba gun robh an sgioba tearainteachd aca air fios fhaighinn gun robh feadhainn gu bhith feuchainn ri buaireadh adbharrachadh aig a gheama.

Bha an geama air falbh bhon taigh air an 4mh den Òg-mhìos mar tha air a bhith air a ghluasad don Ungair, agus chaidh a dhearbhadh an-diugh gum bi an geama sin cuideachd air a chluiche gun luchd-taic san stèideam.

Thuirt an SFA cuideachd gun robh iad duilich ma bha seo ag adbharrachadh thrioblaidean 'son luchd-taic a bha am beachd a dhol chun a gheama, ach gu feumadh sàbhailteachd dhaoine a bhith na phrìomhachas dhaibh.

Gheibh duine sam bith a tha air pàigheadh airson tiocaid mar tha, an t-airgead air fad air ais.

/naidheachdan/sgeulachdan/c8447n8lyvzo