MacAoidh air a mhisneachadh
Thuirt manaidsear Ross County gun robh e air a mhisneachadh le mar a chluich an sgioba oidhche Chiadain, a dh'aindeoin 's gun do chaill iad 2-1 ri Celtic.
B' e buille ghoirt a bh' ann dha na Staggies is an tadhal a bhuannaich an geama a' tighinn às dèidh 97 mionaidean.
Dh'fhàg sin cluicheadairean Chounty troimhe-chèile is cuid de luchd-taic Celtic a' taomach a-steach air a' phàirc.
Bha Liel Abada air Celtic a chur air thoiseach sa chiad leth, ach fhreagair Jack Baldwin do Chounty às dèidh breab-oisne is cha mhòr uair a thìde air a cluich.
Bha buille eile ann do Celtic an uairsin is Carl Starfelt air a chur far na pàirce, is a h-uile coltas gum faigheadh County co-dhiù puing às a' gheama.
Le diogan air fhàgail ge-tà, dh'èirich Anthony Ralston aig a' phosta chùil gus na trì puingean a ghlèidheadh do Celtic.
Moiteil
"Briseadh-dùil mòr oir bha na balaich cho math", thuirt Malky MacAoidh.
"Bha e inntinneach gun tàinig an tadhal san t-seachdamh mionaid a bharrachd aig an deireadh. Bha e a' faireachdainn gun robh sinn a' cluich gus am faigheadh iad tadhal.
"Ach tha mi gu math moiteil às an sgioba agus bu chòir dhaibh misneachd a thoirt às a seo.
"Cha do chaill sinn ach a dhà de na seachd geamaichean mu dheireadh againn is iad sin ri chèile an aghaidh an Old Firm.
"Feumaidh sinn sin a chumail a' dol a-nise", thuirt e.
Bidh cothrom aig County sin a dhèanamh Disathairne nuair a thèid iad gu Baile Dhùn Lèibhe.