Cùl ga chur ri planaichean HPMA

Tùs an deilbh, Getty Images

Tha Riaghaltas na h-Alba air cur às do phlanaichean airson 10% de dh'uisgeachan na dùthcha a chomharrachadh mar Sgìrean Fìor-ghlèidhte aig Muir (HPMA).

Bhiodh na planaichean air casg a chur air iasgach agus gnothaichean eile ann an sgìrean timcheall a' chosta ann an oidhirp dìon a chur air an àrainneachd.

Thog iasgairean agus coimhearsnachdan mu chladaichean na h-Alba draghan mòra mu na planaichean is nochd a' samhlachadh an t-suidheachadh ris na fuadaichean.

Thuirt Rùnaire Net Zero Màiri McAllan Diardaoin gun robh an Riaghaltas gu mòr airson leasachadh a thoirt air dìon na mara, ach nach deadh na planaichean a bh' ann a thoirt air adhart aig an ìre seo.

An àite sin, thuirt an Riaghaltas gun dèan iad co-chomhairle a bharrachd leis a' ghnìomhachas, le coimhearsnachdan agus buidhnean glèidhteachais mu slighe air adhart agus clàr-ama ùr.

Gheibh ge-tà, buidhnean a tha ag iarraidh dìon mara a chur air adhart nas luaithe fo stiùir na coimhearsnachd, leithid na thachair ann an Loch an Eilein ann an Arainn, taic airson na planaichean aca a choileanadh.

"Cha robh còir againn a bhith an seo sa chiad dol a-mach"

Bha connspaid mhòr air a bhith ann mu na planaichean le grunn choimhearsnachdan ag ràdh gun dèanadh iad sgrios uabhasach orra.

Tha na coimhearsnachdan sin is riochdairean nan iasgairean am measg na tha air a bhith a' cur fàilte air an naidheachd gun deach cur às dha na planaichean.

"Tha mi air leth toilichte cluinntinn gu bheil an Riaghaltas air èisteachd - bha gu leòr de ghlaodhraich ann mu dheidhinn", thuirt Rhoda Meek ann an Tiriodh, a bha am measg nan coimhearsnachdan a chaidh air an casan.

"Ach, cha robh còir againn a bhith an seo sa chiad dol a-mach co-dhiù. Nan robh an Riaghaltas air an rud a dhèanamh ceart agus air bruidhinn ri coimhearsnachdan mus do chuir iad planaichean air adhart, cha bhiodh coimhearsnachdan anns an staid a bha sinn ag obair an aghaidh an rud, is bhiodh an Riaghaltas ann an suidheachadh fada nas fheàrr cuideachd", thuirt i.

Dh'innis Elspeth NicDhòmhnaill bho Chaidreachas Iasgairean na h-Alba gun robh laigsean mòra anns na planaichean is gur e faochadh a th' ann gun deach cur às dhaibh.

Thuirt i gum feum Riaghaltas na h-Alba a-nise sealltainn gu follaiseach nach eil iad 'son na dearbh phlanaichean a thoirt air ais ann an riochd ùr.

"Feumaidh sinn tòiseachadh leis na coimhearsnachdan"

'S e sin cuideachd an teachdaireachd a bh' aig Rhoda Meek ann an Tiriodh.

"A thaobh eileanan agus coimhearsnachdan a tha ag iasgach, tha sinn uile ag iarraidh gum bi muir glan, falainn againn. Tha sin cudromach airson na coimhearsnachdan a chumail falainn is beò.

"S e an trioblaid gun deach an rud a dhèanamh an taobh ceàrr.

"Na fir is mnathan a tha ag obair aig muir is a tha ag iasgach, 's iad na daoine aig a bheil fios is aig a bheil eòlas agus airson 'new pathway' sam bith, feumaidh sinn tòiseachadh leis na daoine a tha sin.

"Feumaidh sinn tòiseachadh leis na coimhearsnachdan. Ma 's e sin a tha an Riaghaltas a' dèanamh - is ma tha iad deònach a ràdh nach do bhruidhinn iad ceart anns a' chiad dol a-mach agus gu bheil iad airson tòiseachadh a-rithist le coimhearsnachdan, 's e rud math a tha sin", thuirt i.

Tha a' bhuidheann Open Seas a' cur taic ri prionnsabal sgìrean HPMA. Thuirt iadsan Diardaoin gun robh ceistean orra mun dòigh anns an do làimhsich Riaghaltas na h-Alba a' chùis bho thùs.

Thuirt iad gun robh an Riaghaltas air "leasan cruaidh ionnsachadh gu bheil guth na coimhearsnachd fìor làidir a thaobh dìon a chur air an àrainneachd".

Chuir na pàrtaidhean dùbhlanach aig Holyrood uile fàilte air an naidheachd cuideachd, is iad ag ràdh gum feum coimhearsnachdan a bhith aig cridhe mholaidhean ùra sam bith.