Taic ga sireadh do mholaidhean HPMA
- Air fhoillseachadh
Tha lìonra de bhuidhnean glèidhteachais air iarraidh air na tagraichean airson ceannas an SNP gun cur às do phlanaichean airson Sgìrean Fìor Ghlèidhte aig Muir (HPMA) ma thèid an taghadh mar Phrìomh Mhinistear.
Thà inig seo às dèidh do Cheit Fhoirbeis a rà dh nach rachadh i air adhart le sgìrean HPMA nam faigheadh i an obair.
Tha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle mu na molaidhean a bheireadh buaidh air co-dhiù 10% den mhuir far chostaichean na h-Alba.
Bhiodh iasgach coimearsealta agus iasgach airson spòrs air an casg anns na sgìrean.
Tha coimhearsnachdan is buidhnean iasgaich bho iomadh sgìre mar-thà air iomagain a thogail mu na molaidhean is iad ag rà dh gun dèanadh iad sgrios uabhasach.
A-nise tha caidreachas air a bheil - a tha a' riochdachadh 40 buidheann ghlèidhteachais - air dìon a chur air na planaichean.
Thuirt iad nach eil na ceumannan dìon a th' ann aig an ìre seo a' dol fada gu leòr airson leigeil le siostam-eco uisgeachan na h-Alba slà nachadh.
Taic
Thuirt iad cuideachd gun tigeadh buannachd do raointean iasgaich ri taobh sgìrean HPMA.
Dh'iarr iad air na tagraichean 'son ceannas an SNP gun cur às do na molaidhean ma 's e is gum faigh iad dreuchd a' Phrìomh Mhinisteir.
Gheall Ceit Fhoirbeis an t-seachdain seo gun dèanadh i sin nam biodh i os cionn na dùtcha is gun cuireadh i air dòigh sgrùdà dh air cuid de chumhachdan dìon na mara is iasgaich a chur sios gu ùghdarrasan ionadail.
Ann am brath thuirt Humza Yousaf gun èisteadh esan ri coimhearsnachdan air mar a ghabhadh sgìrean HPMA a chur an sàs ann an dòigh chiallach is chothromach.
Chaidh beachd iarraidh bho sgioba Ash Regan is chan eil iad air dad a rà dh aig an ìre seo.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag rà dh gum bi na sgìrean HPMA a' glèidheadh beatha sa mhuir agus gu bheil molaidhean aig ìre thrà th.
Chaidh co-chomhairle a leudachadh chun an 17mh den ath-mhìos.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 Am MÃ rt 2023
- Air fhoillseachadh14 Am MÃ rt 2023
- Air fhoillseachadh9 Am MÃ rt 2023