91Èȱ¬

Iasgairean: "Beachdaichibh a-rithist air sgìrean HPMA"

  • Air fhoillseachadh
IasgTùs an deilbh, Getty Images

Thuirt riochdairean bho ghnìomhachas an iasgaich ann an Alba gum feum Riaghaltas na h-Alba beachdachadh a-rithist air planaichean Sgìrean Fìor Ghlèidhte aig Muir (HPMA) a stèidheachadh.

Bheireadh na planaichean buaidh air co-dhiù 10% den mhuir far chostaichean na h-Alba.

Gheall ministearan an Riaghaltais àrainneachd na mara a dhìon agus buannachdan eaconomach agus sòisealta a ghlèidheadh.

Chan eil anns na h-atharrachaidhean aig an ìre seo ach molaidhean, ach nan deadh na laghan a stèidheachadh, bhiodh gach seòrsa de dh'iasgach toirmisgte anns na sgìrean HPMA.

Bhiodh iasgach coimearsealta agus iasgach airson spòrs air an casg buileach.

Tha a' bhuidheann a tha a' riochdachadh iasgairean na h-Alba ag ràdh gum biodh na sgìrean seo a' toirt fìor dhroch bhuaidh air a' ghnìomhachas, agus tha iad airson 's gun èist an Riaghaltas ris na molaidhean a th' acasan.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi na sgìrean HPMA a' glèidheadh beatha sa mhuir, agus gu bheil iad aig ìre thràth de cho-chomhairle air na molaidhean.

Tha comhairlean coimhearsnachd na Hearadh cuideachd air an guthan a thogail an aghaidh a' phlana, 's iad ag ràdh gu bheil e a' cur na coimhearsnachd aca ann an cunnart.

Thuirt iad gun robh iad airson am "fìor dhragh agus fearg" a chur an cèill mun phlana.

"Tha sinn a' faireachdainn gu bheil coltach ann gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag amas air na h-eileanan againn fhalamhachadh le bhith a' cur an sàs poileasaidh a dhèanadh sgrios air gnìomhachas an iasgaich, 's a bheireadh beò-shlàint bho dhaoine, a' toirt orra na h-eileanan fhàgail.

"Bhiodh droch bhuaidh aige sin cuideachd air a' choimhearsnachd nas fharsainne, le bùithdean agus gnothachasan a' call luchd-ceannaich.

"Mura bi ceadaichte ach snàmh agus caidheagadh - agus sin fhèin air a chuingealachadh gu sgìrean sònraichte, cha bhiodh ann an sgìrean ach raon-cluiche, a' toirt smachd air an àrainneachd ionadail air falbh bho na h-eileanaich a th' air a glèidheadh thuige seo ach am bi e ann do ghinealaichean ri teachd.

"Tha a' choimhearsnachd againn mar thà fo uallach mhòr a thaobh daoine òga a ghlèidheadh sna h-eileanan againn, agus chan eil ann an seo ach tarrag eile sa chiste-laighe.

"Ma chuirear nàdar air thoiseach air daoine, cha bhi annainn ach Hiort eile, far nach tèid aig daoine air tighinn beò.

"'S e an t-iasgach bun-stèidh nan dachannan eileanach againn o chionn cheudan bhliadhnaichean, agus tha e na thàmailt sgriosail dhuinne a tha a' fuireach an seo gu bheil poileasaidh ga sparadh oirnn le daoine nan suidhe aig deasgaichean ann an Dùn Èideann.

"Guidheamaid air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh às ùr agus na planaichean craicte seo a chur an dàrna taobh gus an tèid aig na h-eileanan againn air soirbheachadh san àm ri teachd," thuirt iad.