91Èȱ¬

CnES a' cur an aghaidh Sgìrean Mòr-Ghlèidhte aig Muir

  • Air fhoillseachadh
Am muir far costa LeòdhaisTùs an deilbh, Getty Images / Marion Carniel / EyeEm

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad gu mòr an aghaidh phlanaichean Riaghaltas na h-Alba sgìrean ùra aig muir le dìon sònraichte (HPMA) a chomharrachadh.

Thòisich co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air na molaidhean airson HPMA a chruthachadh airson dìon a bharrachd a chur air uisgeachan na dùthcha.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air fearg a nochdadh mu na molaidhean.

Choinnich Buidheann-Obrach Bhun-Ghnìomhachasan an ùghdarrais ionadail Diciadain ri riochdairean iasgaich agus giollachd èisg airson am beachdan a chluinntinn mu na tha fa-near dhan riaghaltas.

Fearg

Cho-dhùin na bha an làthair gum bu chòir dhan Chomhairle moladh sam bith airson HPMA a chruthachadh sna h-Eileanan an Iar neo far chosta an iar na h-Alba a dhiùltadh.

A' bruidhinn às dèidh na coinneimh thuirt Cathraiche na Buidhne-Obrach, an Comhairliche Tormod Dòmhnallach: "'S ann glè ainneamh a bha mi aig coinneimh far an robh fearg agus sàrachadh nan comhairlichean cho follaiseach.

"Tha na molaidhean HPMA, ma thig iad gu bith, a' dol a dhèanamh cron mòr air eaconamaidh nan Eilean Siar. Nì e call mòr air obair an iasgaich, bidh fìor dhoch bhuaidh air na coimhearsnachdan as iomallaiche againn agus fàgaidh e gum falbh barrachd dhaoine às na h-eileanan.

"Tha e soilleir nach eil tuigse cheart aig ministearan riaghaltais agus an fheadhainn a bhios a' cruthachadh phoileasaidhean air a' chron a bhios an lùib nam molaidhean air eaconomaidh agus coimhearsnachdan nan Eilean Siar," thuirt an Comh. Dòmhnalladh.

Obair a bhiodh toirmisgte

Nan dèigheadh inbhe HPMA a bhuileachadh air sgìre mhara bhiodh casg air na leanas a rèir na Comhairle:

  • iasgach sam bith

  • tuathanasan èisg is maoraich

  • buain feamad,

  • obair ola is gas

  • pròiseactan ath-nuadhachail

  • càballan fon mhuir

  • cruthachadh haidreadsain

  • eacarsaichean airm

  • cidheachan ùra

  • ±è³Ü¾±°ù³Ù-´Ú³óà²Ô²¹¾±²õ

"An eaconamaidh ghorm"

A-rèir pàipear conaltraidh Riaghaltas na h-Alba 's e amas nam molaidhean aca HPMA a stèidheachadh àrainneachd na mara a ghlèidheadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil an t-uabhas obrach ri dèanamh fhathast mus mol iad làraichean nan sgìrean glèidhte.

Tha Ministear na h-Àrraineachd agus Ath-leasachaidh Fearainn, Màiri NicAilean BPA, a' brosnachadh dhaoine air am faod na molaidhean seo buaidh a thòirt am beachdan a thoirt seachad.

Thuirt i gun robh i airson co-obrachadh leotha airson an lèirsinn a th' aca airson na h-eaconamaidh guirme a neartachadh a choileanadh.