Rinneadh cobhair air turtar a chaidh air tìr ann an Eilean Ì
- Air fhoillseachadh
Chaidh cobhair a dhèanamh air turtar loggerhead an dèidh mar a chaidh i air tìr ann an Eilean I air taobh siar na h-Alba.
Chaidh am beathach tropaigeach a dh'fheumas uisgeachan blà th airson tighinn beò a lorg le eileanach Diaordaoin.
Chaidh fios a chur air dà ibhearan cobhair chreutairean-mara (BDMLR) a thug am beathach a Mhuile far an deach a chur ann an uisgeadan èisg.
Tha an turtar a-nis ann an cùram Ionad Chreutairean-mara Loch Lamaoinn.
Thuirt BDMLR gum faod na turtaran loggerhead a dhol air chall bho Shruth a' Chuain Shiar a Tuath, sruth blà th a thig à Camas Mheagsago.
Tha na turtairean uaireannan a' ruighinn chladaichean na Rìoghachd Aonaichte, ach tha BDMLR ag rà dh gur ann ainneamh a bhios iad fhathast beò.
"Ma thig iad beò às idir bidh sinn gan cur air ais gu à ite mar na h-Eileanan Canary," thuirt BDMLR.
"Feumaidh sinn an turtar a bhlà thachadh beag air bheag le bhith ag à rdachadh blà ths an uisge 's a bheil i beag air bheag gus nach tig cuairt oirre."