Droch shìde a' toirt buaidh
- Air fhoillseachadh
Tha sneachda agus gèiltean air duilgheadasan adhbhrachadh do dhraibhearan agus luchd-siubhail ann an cuid de sgìrean na h-Alba Diardaoin.
Thuirt Poileas Alba gun robh grunn thubaistean air an M8, an M9 an M90 agus rathaidean am meadhan na dùthcha air sà illeabh na sìde.
Agus thuirt CalMac gun robh a' ghaoth air maill a chur air mòran sheirbheisean air feadh an lìonra.
Dh'innis Network Rail Alba gum biodh casg-astair air cuid de loidhnichean na dùthcha cuideachd.
Rabhadh
Bha Rabhadh Buidhe bho Oifis na Sìde airson sneachda agus gaoith mhòir ann gu 12:00f.
Bha dùil ri suas ri 5cm (2") de shneachda aig ìre ìosail agus suas ri 10cm (4") air là raichean nas à irde na 400m (1,312tr) ann am meadhan na dùthcha, Siorrachd Obar Dheathain, Earra-Ghà idheal, am Moireibh, air Ghà idhealtachd agus ceann a deas na h-Alba.
Chaidh Rabhadh Buidhe airson gaoith mhòir fhoillseachadh airson madainn Dhiardaoin airson na h-Eileanan an Iar agus cuid de thaobh siar, iar-dheas agus meadhan na h-Alba.
Tha dùil ri oiteagan gaoithe suas ri 75m.s.u. anns na h-Eileanan an Iar.