Dragh mu ghainnead bìdhe ùir an Uibhist is Bharraigh
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann an Uibhist is Barraigh gu bheil cho cugallach 's a tha seirbheis nan aiseagan air a bhith bho chionn ghoirid a' fà gail gainnead bìdh ùir sna bùithdean.
Tha droch aimsir air a bhith a' toirt buaidh air na h-aiseagan, a thuilleadh air riaghailtean Covid agus soithichean a bhith briste.
Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi seòladh eadar an t-Òban, Bà gh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail Diardaoin, 's gu bheil iad a' coimhead ri plana airson Dihaoine.
"Tha sinn air a bhith a' toirt rabhaidh dhaibh o chionn ùine mhòir gum faodadh seo tachairt," thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.
Eaconomaidh
"Agus tha e air tachairt gu math nas sgiobalta na bha dùil againn.
"Ach tha e a' sealltainn na laigse a th' anns an t-seirbheis a th' ann.
"Eadar Covid, trioblaidean teicnigeach agus an t-sìde fhèin, tha e uile a' tighinn còmhla aig an à m seo, agus tha duilgheadas mòr againn.
"Ach feumaidh mi a rà dh, thairis air an ath dhà no trì bhliadhnaichean, chan eil mi a' faicinn faothachadh sam bith a' tighinn air an dol air adhart a tha seo.
Cabhag
"Tha mi a' smaoineachadh gum feum an Riaghaltas fhèin cabhag a dhèanamh air aiseagan fhaighinn a-steach dhan lìonra aca.
"Tha iad a' cumail ris an aon chlà r-ama fhathast leis a' Ghlen Sannox a tha sin airson an t-Samhraidh seo, ach tha mì-chinnt timcheall air sin fhèin, agus tha dùil againn air an ath-mhìos gun tig cùmhnant a-mach airson an dà aiseag ùr.
"Ach tha a h-uile dad dheth sin bliadhnaichean air falbh agus ma tha sinn a' dol a dh'fhulaing rudan mar a tha a' tachairt an-drà sta san ath dhà no trì bhliadhnaichean, tha e gus a bhith uabhasach trom air an eaconomaidh ann an seo," thuirt e.