91Èȱ¬

Iarrtas gus stad a chur air pròiseas HPMA

  • Air fhoillseachadh
Iasgach

Dh'iarr na pàrtaidhean dùbhlanach ann am Pàrlamaid na h-Alba gun tèid stad a chur air planaichean an Riaghaltais airson Sgìrean Fìor Ghlèidhte aig Muir is iad ag ràdh gu bheil an gnothach air an dearg-chaothach a chur air coimhearsnachdan an cois a' chladaich.

Thàinig a' chiad ìre de cho-chomhairle mu sgìrean HPMA gu ceann Diluain is coimhearsnachdan is iasgairean air iomagain mhòr a nochdadh mu na planaichean gus 10% de dh'uisgeachan na h-Alba a chur fo HPMA.

Bhiodh iasgach air a chasg anns na sgìrean seo is grunn choimhearsnachdan air a ràdh mar-thà gun dèanadh e sgrios uabhasach orra.

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain, thuirt am BPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Jamie Halcro Johnston, gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba na planaichean a th' ann a tharraing.

"Le coimhearsnachdan feargach mun seo is cùl-bheingearan an SNP fhèin an impis aramach a dhèanamh, tha an Riaghaltas a' toirt a chreids' gu bheil iad ag èisteachd ris na draghan a th' ann", thuirt Mgr Halcro Johnston.

"Chaidh cron mòr a dhèanamh mar-thà. A bheil am ministear deònach na planaichean a leigeil às aig an ìre seo agus tilleadh gu coimhearsnachdan airson conaltradh ceart a dhèanamh leotha mun t-slighe air adhart?", dh'fhaighnich e.

Aonta

Thàinig an dearbh bheachd bho BhPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt Rhoda Ghrannd gu bheil beachdan fìor làidir air nochdadh mun chùis.

Dh'fhaighnich i an èisteadh am ministear ris a' cho-chomhairle agus na planaichean a tharraing.

Dh'fhaighnich i cuideachd a bheil sgìrean HMPA nam pàirt deatamach den aonta eadar an SNP is am Pàrtaidh Uaine.

A' freagairt nan ceistean, thuirt Ministear nan Sgilean Uaine, na h-Eaconomaidh Cearcallaiche is na Bith-iomadachd ann an Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad mothachail air na faireachdainnean làidir a nochd thuige seo.

Dh'innis am BPA Uaineach Lorna Slater nach deach molaidhean sam bith a chur air adhart fhathast air càite am biodh sgìrean HPMA is gu bheil am pròiseas gus leantainn.

"Tha sinn a' gealltainn tuilleadh chòmhraidhean le iasgairean is coimhearsnachdan. Tha a' cho-chomhairle dìreach air dùnadh is tha sinn a' coimhead ris na freagairtean a fhuair sinn.

"'S e pròiseas fosgailte a bhios againn airson taghadh far am bi sgìrean HMPA air an stèidheachadh is bidh an t-eòlas aig iasgairean is feadhainn eile gu math cudromach an sin airson dèanamh cinnteach gun tig buannachdan às a seo a thaobh iasgaich sheasmhaich", thuirt i.