91Èȱ¬

Humza Yousaf a' gealltainn èisteachd mu sgìrean HPMA

  • Air fhoillseachadh
Mùsgan-caolTùs an deilbh, Getty Images

Gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba, Humza Yousaf gun èisteadh e ri gearanan coimhearsnachdan eileanach mu a bhith a' stèidheachadh Sgìrean Fìor-ghlèidhte aig Muir (HPMA).

Thàinig a' chiad cho-chomhairle phoblach air molaidhean airson sgìrean HPMA a chur an sàs gu crìoch oidhche Luain.

Tha an riaghaltas ag ràdh gur e sgìrean HPMA an cothrom as fheàrr èiceo-shiostaman a dhìon agus ath-stèidheachadh 'son na gnìomhachasan mara agus na coimhearsnachdan a tha a' crochadh orra.

A rèir nam molaidhean dheadh 10% de mhuir na h-Alba a chur fo HPMA.

Cha bhiodh cead ann iasgach de sheòrsa sam bith a dhèanamh anns na sgìrean sin.

Tha coimhearsnachdan air a' chosta an iar agus anns na h-eileanan air a bhith ag ràdh gun toireadh seo fìor dhroch bhuaidh orra, le bhith a' cuingealachadh an iasgaich - a tha mar bhun-stèidh dhan eaconomaidh ann an gu leòr de sgìrean.

"Èistidh mi"

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt thuirt Mgr Yousaf: "Tha mi air èisteachd agus èistidh mi ri na gearanan aig na coimhearsnachdan eileanach 's an fheadhainn a tha ris a' chladaich 's na coimhearsnachdan iasgaich.

"Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast mu càite am biodh na làraichean stèidhichte. Ni sinn sgrùdadh air a' cho-chomhairle."

Thuirt Mgr Yousaf gun do bhruidinn e ri Màiri NicAilein - an rùnaire ris a bheil dìon na h-àrainneachd an urra - madainn Dimàirt agus gum biodh ise agus an riaghaltas a' conaltradh le na coimhearsnachdan iasgaich.

"Tha e mar phrionnsabal bunaiteach againn, agus tha mi ga ràdh an-diugh a-rithist...chan eil sinn a' dol a sparradh nam poileasaidhean seo air coimhearsnachdan nach eil gan iarraidh.

"Obraichidh sinn còmhla riutha ann an dòigh cuideachail."

Thuirt an riaghaltas sa cho-chomhairle gun tòisicheadh an obair gus làraich freagarrachadh a chomharrachadh ann an 2023 agus gun deadh làraich a thaghadh ann an 2026.