91Èȱ¬

Fearghasdan air ICT fhàgail

Donnchadh FearghasdanTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha Donnchadh Fearghasdan air a dhreuchd mar mhanaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis a chall.

Dhearbh Fearghasdan feasgar Diciadain gun robh an luchd-rianachd a ghabh smachd air a' chluba Dimàirt air a chur às a dhreuchd.

Tha an leas-mhanaidsear Gary Bollan is an coidse Stuart Garden cuideachd air an cluba fhàgail.

gu bheil fear de na coidsichean eile, Scott Kellacher, a-nise os cionn na sgioba.

Tha Kellacher air a bhith aig a' chluba fad iomadh bliadhna.

Bha Fearghasdan air a ràdh nas tràithe Diciadain gu bheil dùil gum falbh tòrr obraichean aig Caley Thistle is gun tigeadh naidheachd bhon luchd-rianachd Diardaoin.

A' bruidhinn ris a' BhBC às dèidh dha an cluba fhàgaill, thuirt e gun do rinn e a dhìcheall airson Chaley Thistle is gu bheil na tha a' tachairt "brùideil".

Thuirt e gu bheil e fhathast a' creidsinn gun urrainn dha ICT fuireach ann an Lìog 1 ma chumas iad na cluicheadairean aca.

Tùs an deilbh, SNS

Ghabh Fearghasdan obair a' mhanaidseir ann an Inbhir Nis an-uiridh ach cha b'urrainn dha an cluba a chumail san Championship.

Tha iad air dìreach dà gheama lìge a-mach à deich a bhuannachadh thuige seo air an t-seusan seo ann an Lìog 1 is iad a-nise aig bonn na lìge is iad air 15 puingean a chall 'son a dhol ann an rianachd.

Aig an dearbh àm ge-tà, tha Ailean Savage ag ràdh gu bheil esan misneachail gun gabh an cluba a shàbhaladh.

Bha Savage, a bha uair na chathraiche air ICT is a thill dhan chluba as t-samhradh mar fhear-comhairlichidh, air innse ron seo gun robh e den bheachd gur dòcha gur e rianachd an roghainn a b' fheàrr a bha air fhàgail.

Dh'innis e don BhBC gun dèan e a dhìcheall an cluba a chumail a' dol.

Nuair a chaidh faighneachd dha an robh e misneachail gun gabh ICT a shàbhaladh, thuirt Mgr Savage: "Tha gu dearbh".

Gheall e cuideachd taic a thoirt do dhuine sam bith a chailleas an cosnadh obair ùr a lorg.

Cha chanadh Mgr Savage dè dìreach an t-àite a dh'fhaodadh a bhith aige fhèin aig Caley Thistle ma thig iad a-mach à rianachd.

"Tha sinn a' dol ceum le ceum is gus an dèan sinn sin tha e ro thràth a ràdh," thuirt e.