91Èȱ¬

ICT ann an rianachd

Pàirc ICTTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air a dhol ann an rianachd.

Tha mì-chinnt mhòr air a bhith a' cuairteachadh a' chluba anns na mìosan mu dheireadh is iad ann an staing airgid is air tuiteam gu Lìog 1.

Ged a bha dòchas ann às ùr aig deireadh an Lùnastail gun gabhadh rianachd a sheachnadh is Ailean Savage air tilleadh gu ICT, bha oifigich air aideachadh anns na làithean mu dheireadh gun robh a h-uile coltas ann gun tachradh e.

Ann am brath Dimàirt dh'innis an cluba gun deach James Stephen, Malcolm Cohen is Shane Crooks bhon chompanaidh BDO a stèidheachadh mar luchd-rianachd.

Thuirt iad gu bheil iad a' tuigsinn gur e àm doirbh a th' ann dhan chluba, an luchd-obrach, luchd-taic is a' choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am 91Èȱ¬ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le Inverness Caledonian Thistle FC

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am 91Èȱ¬ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le Inverness Caledonian Thistle FC

Tha iad ag ràdh gun tig tuilleadh fiosrachaidh mun t-slighe air adhart bhon luchd-rianachd.

Chan eil e follaiseach fhathast dè dìreach a' bhuaidh a bhios aige seo air luchd-obrach is cluicheadairean, ach tha a h-uile coltas ann gun caill cuid an cosnadh.

A thuilleadh air ceistean mòra mu shuidheachadh a' chluba far na pàirce, tha an naidheachd a' ciallachadh cuideachd gun caill Caley Thistle 15 puingean, rud a dh'fhàgas iad aig bonn Lìog 1 agus ann an suidheachadh doirbh gus an t-àite aca san lìog a ghlèidheadh.