91Èȱ¬

ICT "air an sàbhaladh bho rianachd"

Pàirc CaleyTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha Caley Thistle air innse gun deach aonta ionmhais a ruighinn a tha a' ciallachadh nach tèid an cluba ann an rianachd.

Bha ICT air innse nas tràithe Diciadain gun robh "gu Dimàirt aca" gus aonta a dhèanamh agus rianachd a sheachnadh.

Thuirt Ailean Savage, a thill dhan chluba nas tràithe air a' mhìos feuch suidheachadh ionmhais Chaley Thistle a chur ann an òrdugh, gun robh e ag amas air aonta le triùir a bha an sàs sa chluba anns na bliadhnaichean mu dheireadh is feum air £600,000 a thogail.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am 91Èȱ¬ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le Inverness Caledonian Thistle FC

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am 91Èȱ¬ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le Inverness Caledonian Thistle FC

Ach thàinig brath eile bhon chluba oidhche Chiadain gun deach aonta a dhèanamh "a tha a' sàbhaladh a' chluba bho rianachd is gum bu chòir dhan a h-uile duine a tha ceangailte ri ICT a bhith air an dòigh".

Bha Mgr Savage cuideachd air innse nas tràithe air an là gun iarr e cead luchd nan earranan gus làn smachd a ghabhail air ICT gus an tèid an cluba a reic.