"Tòrr obraichean" gus falbh aig ICT
- Air fhoillseachadh
Thuirt manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis gu bheil dùil gum falbh tòrr obraichean aig a' chluba is iad air a dhol ann an rianachd.
Aig an dearbh à m ge-tà , tha Ailean Savage ag rà dh gu bheil esan misneachail gun gabh an cluba a shà bhaladh.
°Õ³óà ¾±²Ô¾±²µ dearbhadh Dimà irt gun deach a' chompanaidh BDO a stèidheachadh mar luchd-rianachd air ICT.
Tha dùil ri fios bhuapasan Diardaoin mun t-slighe air adhart.
"Gu follaiseach tha gearraidhean gu bhith ann, an sgioba choidsidh, cluicheadairean is luchd-obrach eile," thuirt Donnchadh Fearghasdan.
"Chan eil faireachdainn math mun cuairt air an à ite.
"Chaidh innse dhuinn gur ann a-mà ireach a chluinneas sinn gu bheil tòrr obraichean gus falbh."
Tha ICT cuideachd air 15 puingean a chall mar pheanas airson a dhol ann an rianachd, gam fà gail aig bonn Lìog 1.
Thuirt Fearghasdan gu bheil e fhathast den bheachd gun urrainn dhaibh fuireach san lìog ach gum bi seo a rèir dè na gearraidhean a bhios ann.
Thuirt e cuideachd gun robh esan an aghaidh rianachd bho thùs is gu bheil a' creidsinn gur e mearachd a th' ann.
Bha Ailean Savage, a bha uair na chathraiche air ICT is a thill dhan chluba as t-samhradh mar fhear-comhairlichidh, air innse ron seo gun robh e den bheachd gur dòcha gur e rianachd an roghainn a b' fheà rr a bhith air fhà gail.
Dh'innis e don BhBC gun dèan e a dhìcheall an cluba a chumail a' dol.
Nuair a chaidh faighneachd dha an robh e misneachail gun gabh ICT a shà bhaladh, thuirt Mgr Savage: "Tha gu dearbh".
Gheall e cuideachd taic a thoirt do dhuine sam bith a chailleas an cosnadh obair ùr a lorg.
Cha chanadh Mgr Savage dè dìreach an t-à ite a dh'fhaodadh a bhith aige fhèin aig Caley Thistle ma thig iad a-mach à rianachd.
"Tha sinn a' dol ceum le ceum is gus an dèan sinn sin tha e ro thrà th a rà dh," thuirt e.