Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is àٲ-
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is àٲ- agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dàta agaibh.
Oighreachd nam Bàgh an làmhan mhuinntir na Hearadh?
- Ù岹, Etta May Olley
- Dreuchd, Tè-naidheachd Dhidsiteach, Na Hearadh
Tha còrr air deich bliadhna bho chaidh bruidhinn an toiseach air Oighreachd nam Bàgh a cheannach dhan choimhearsnachd.
Bhiodh an oighreachd - a tha an-dràsta aig teaghlach a tha a' fuireach ann an Sasainn - a' toirt a-steach sgìre nam Bàgh, an Taobh Tuath shìos anns an ceann a deas dha na Hearadh agus Beàrnaraigh na Hearadh.
Uile gu lèir tha mu 700 neach a' fuireach air an oighreachd agus tha an sgìre air fad mu 27,000 acair.
Tha an neach-measaidh an-drasta a’ dèanamh measaidh air an oighreachd, gus beachd nas fheàrr a thoirt don bhuidhinn coimhearsneachd air a' phrìs, mus tèid iad a bhruidhinn a-rithist ri Mgr Hitchcock agus a theaghlach aig a bheil i an-dràsta.
Taic airgid
Chaidh luach £1.1m a chur air an oighreachd ann an 2017, nuair a chaidh coimhead ri a ceannach mu dheireadh.
Tha Buidheann Coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh den bheachd gu bheil a' phrìs gu bhith nas àirde am-bliadhna na bha e an uair sin, ach tha iad an dòchas taic fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba.
Thuirt an teaghlach aig a bheil Oighreachd nam Bàgh gum biodh iad deònach a reic dhan choimhearsnachd, nam biodh ùidh gu leòr aig muinntir na sgìre gus a ceannach.
Chaidh bhòt a chur air doigh còrr is bliadhna air ais, far an tuirt timcheall air 70% de mhuinntir na sgìre gun robh iad airson leantail orra leis an iomairt.
Tha teachd-a-steach eadar £80,00 agus £100,000 aig an oighreachd gach bliadhna mar a tha i an-dràsta; eadar màl chroitean, ceadan-iasgach agus airgead airson nan crann airson siognail fòn-laimhe.
Bhon a thòisich a' bhuidheann iomairt, còrr is deich bliadhna air ais, bha agus tha iad fhathast ag iarraidh a bhith a’ coimhead air rudan a tha a’ dol a chuideachadh na sgìre. Rudan leithid taigheadais agus obraichean.
Tha iad an dùil ri pròiseact taigheadais aig prìs reusanta a chur air dòigh anns an ath chòig bliadhna ma gheibh iad sealbh air an oighreachd.
Thuirt Peigi Mhoireasdan bho Bhuidheann Coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh, “Tha sinn ag iarraidh gum bi daoine a’ smaoineachadh air dè tha iad ag iarraidh tachairt leis a’ choimhearsnachd aca. Chan eil mòran thaighean ann an seo, chan eil mòran theaghlaichean òga ann an seo agus tha sinn ag iarraidh cothrom a thoirt do dhaoine a bhith a’ fuireach ann an seo agus gum bi obair aca.”
“Tha sinne a’ smaoineachadh gu bheil e nas fheàrr an t-airgead a chleachdadh anns a' choimhearsnachd agus chan eil an t-airgead a’ dol fada air falbh bho na h-eileanan gu uachdarain eile.”
Tha a' bhuidhean airson ‘s gun tèid daoine le ùidh anns a' ghnothaich chun na airson tuilleadh fiosrachaidh, agus tha iad an dòchas gum bi an Oighreachd ann an làmhan na coimhearsnachd ro dheireadh na bliadhna.