Dòchas às ùr mu Oighreachd nam Bà gh
- Air fhoillseachadh
Tha dòchas ann gu bheil oidhirp na coimhearsnachd Oighreachd nam Bà gh sna Hearadh a cheannach a' tighinn gu buil.
°Õ³óò¾±²õ¾±³¦³ó iomairt airson smachd fhaighinn air an oighreachd bho chionn deich bliadhna.
Thèid an rannsachadh as ùire fhoillseachadh aig trì coinneamhan san sgìre an t-seachdain seo.
Cluinnear an sin na thà inig à sgrùdadh a rinn a' bhuidheann-stiùiridh mu mar a ghabhas an oighreachd a ruith agus a leasachadh.
Tha taigheadas agus ionadan gnothachais anns na bailtean am measg na tha a' nochdadh ann.
µþ³óò³Ù
Tha dùil às dèidh sin gun tèid beachdan an luchd-còmhnaidh a shireadh ann am bhòt ro dheireadh na bliadhna.
"Tha sinn airson am fiosrachadh a thoirt dhan t-sluagh ach am faic iad dè ghabhas dèanamh ma chuireas daoine bhòt ann 'son an oighreachd a cheannach," dh' innis Iain MacLeoid bhon bhuidhinn-stiùiridh.
"Tha fiosrachadh math air a dhèanamh agus gu math mionaideach agus tha e a' toirt a-staigh rudan a tha daoine ag iarraidh san sgìre. Chan e daoine a-muigh a thug am fiosrachadh seo seachad idir, bha coinneamhan againn an seo fhaighinn a-mach bhon phoball dè bha daoine ag iarraidh a dhèanamh nan dheadh an oighreachd a cheannach," thuirt e.
Dh'innis Mgr MacLeòid gur e an oigreachd is còraichean air fad a bhiodh air a cheannach is gur e muinntir na sgìre a nì an co-dhùnadh air a' cheann thall.
Thuirt e cuideachd gu bheil e an dòchas gum bi taic ann anns na diofar sgìrean ann an oighreachd nam Bà gh.
Tha e ag rà dh gur e cothrom air leth a th' ann.
"Nam biodh an oighreachd air a ceannach, gabhaidh rudan dèanamh. Chan eil cà il a' tachairt air an oighreachd aig an à m seo ann am pìos sam bith den oighreachd.
"Sgillinn ruadh"
"Chan fhaigh iad airgead poblach ann is cha do chosg an t-uachdaran sgillinn ruadh riamh air an oighreachd, mar sin chan eil ann ach adhartas nam biodh an oighreachd air a ceannach.
"Cha toir an Riaghaltas seachad airgead gus an dèan sinn nas fheà rr na an t-uachdaran. Sin as coireach gu bheil fiosrachadh mionaideach air a dhèanamh, gu feum iad nas fheà rr a dhèanamh na rinn an t-uachdaran, oir cha do rinn an t-uachdaran dad an seo riamh," thuirt Mgr MacLeòid.
Bidh a' chiad choinneamh ann Dimà irt (31/05) ann an Ionad nam Bà gh, an uairsin Diciadain (01/06) ann an Talla an t-Òib, agus Diardaoin (02/06) ann Talla Coimhearsnachd Bheà rnaraigh.
Bidh na coinneamhan uile eadar 3f is 7f.
'S e coinneamhan neo-fhoirmeil a bhios annta le cothrom bruidhinn ri buill bhon bhuidhinn-stiùiridh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2020
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach 2020
- Air fhoillseachadh8 Am MÃ rt 2019
- Air fhoillseachadh11 An DÃ mhair 2012