91Èȱ¬

Taic bho ChnES a thaobh Oighreachd nam Bàgh

  • Air fhoillseachadh
Na Bàigh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad deiseil is deònach taic a chur ri muinntir Oighreachd nam Bàgh ma 's e is gum bhòt iad airson am fearann a cheannach.

Bhòtaidh an sluagh an ath-mhìos am bu chòir dhaibh smachd a ghabhail air an oighreachd.

Tha deich bliadhna ann bho thòisich an iomairt sa chiad dol a-mach.

Chaidh an rannsachadh as ùire a rinn a' bhuidheann-stiùiridh mu mar a ghabhas an oighreachd a ruith agus a leasachadh fhoillseachadh as t-Samhradh.

Fo-thiotal an deilbh,

Oighreachd nam Bàgh.

Ann am brath Diardaoin, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad den bheachd gu bheil sealbh a ghabhail air an fhearann aca fìor chudromach ann a bhith a' leigeil le coimhearsnachdan buannachd fhaighinn às na tha mun cuairt orra.

Thuirt iad gu bheil dearbhadh air na buannachdan seo anns na h-Eileanan an Iar is 75% den t-sluagh a' fuireach air fearann a tha fo smachd na coimhearsnachd.

Dh'innis a' Chomhairle gu bheil iad a' cur fàilte air a' bhòt an ath-mhìos is gur e "cothrom nach tig ach aon turas ann an ginealach" do mhuinntir nam Bàgh co-dhùnadh mar seo a dhèanamh.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun do sheall rannsachadh na buidhne-stiùiridh gum faodadh leasachadh tighinn, am measg eile, air gnothaichean mar obraichean, taighean aig prìs reusanta, taic 'son croitearachd, is sluagh a chumail agus fàs le a bhith a' ceannach na h-oighreachd.

Bidh Comhairle nan Eilean Siar deiseil, thuirt iad, airson taic a chumail ri muinntir Oighreachd nam Bàgh ma 's e is gun tig bhòt airson an oighreachd a cheannach.