Chaidh bhòtadh airson na Bà igh a cheannach
- Air fhoillseachadh
Dhearbh coimhearsnachd Oighreachd nam BÃ gh anns na Hearadh gu bheil iad airson an oighreachd a cheannach.
Chaidh bhòtaichean baileit air a' cheist a chunntadh ann an Ionad Comhairsneachd nam Bà gh oidhche Chiadain.
Bhòt 290 airson an oighreachd a ghabhail os là imh, agus bha 170 na aghaidh.
Tha deich bliadhna ann bho chuireadh an iomairt air chois.
"Tha sinn taingeil gun do chuir muinntir Oighreachd nam Bà gh a-steach na billeagan airson bhòtadh," thuirt Iain MacLeoid bho Bhuidhinn-Stiùiridh Coimhearsnachd Oighreachd nam Bà gh.
"Rinn iad math, agus sheall iad dè a bha iad fhèin ag iarraidh, agus tha sinn toilichte leis an fhiosrachadh a fhuair sinn, agus tha e a' dèanamh misneachd mhòr dhuinn a' coimhead air adhart.
"Tha sinn toilichte gu bheil teachdaireachd là idir ann. Bidh coinneamhan againn an ath-oidhche (oidhche Ardaoin) a dh'fhaicinn dè an dòigh air adhart.
"Bidh fiosrachadh againn ri thoirt a-mach Diardaoin no Dihaoine, 's gheibh an sluagh a-mach an uair sin dè tha a' dol a thachairt.
"Tha fhios againn cà ite am faigh sinn airgead agus dè thachras, dè na gheibh sinn dheth.
"Tha tòrr ri dhèanamh mu dheidhinn sin fhathast agus feumaidh sinn tòrr rannsachaidh mu dheidhinn sin a dhèanamh.
"Ach tha sinn gu math misneachail gum faigh sinn a' chuid as motha den airgead a tha feum air airson an oighreachd a cheannach.
"Bha dùbhlain mhòra ann agus tha sinn air call beagan misneachd aig amannan.
"Ach tha duine no dithis a thug misneachd dhuinn mu dheireadh, agus chùm iad air an t-slighe cheart sinn, agus rà inig sin an t-slighe cheart a-nochd," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Sultain 2022