91Èȱ¬

Dùil ri toradh bhòt Bhàgh na Hearadh

  • Air fhoillseachadh
Sgìre Bhagh na Hearadh

Bidh fios a-nochd, Diciadain an 21mh den t-Sultain, an do bhòt coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh sna Hearadh agus am Beàrnaraigh gus am fearann a cheannach.

'S i Oighreachd nam Bàgh aon de na h-oighreachdan as motha sna h-Eileanan Siar a tha fhathast fo uachdaran phrìobhaideach.

Tha an oighreachd a' gabhail a-staigh a' mhòr-chuid de dh'fhearann air taobh sear na Hearadh, a bharrachd air An Taobh Tuath agus Eilean Bheàrnaraigh.

Ma gheibh na planaichean taic, tha a' bhuidheann-stiùiridh ag ràdh gur e oighreachd fìor phrothaideach dhan choimhearsnachd a bhios innte.

Tha luchd-taic na h-iomairt ag iarraidh gum bi taigheadas aig prìs reusanta ri fhaighinn agus gun tèid obraichean a chruthachadh ma tha iad soirbheachail.

Bha dùil ris a' bhòt sa Chèitean 2020 ach chaidh a chur dheth ri linn mar a sgap Covid-19.

Chaidh pàipearan-baileit a sgaoileadh aig toiseach na mìos agus thèid na bhòtaichean a chunntadh aig 7f Diciadain ann an talla-coimhearsneachd Bhàgh na Hearadh.

'S ann leis an teaghlach Hitchcock, stèidhichte an Surrey ann an Sasainn, a tha an oighreachd aig an àm seo.