Main content

Maighread Stiùbhart - Am Maraiche 's a Leannan

Margaret Stewart - The Sailor and His Beloved

O, 's mairg tha 'n diugh feadh garbhlaich
'S ri falbhan am measg fraoich;
Us gathan grèin gu h-òrbhuidh
A' dòrtadh air gach taobh.
Gum b'fheàrr a bhi air bàrr nan tonn
Air long nan cranna caol;
'S a' faicinn nan seòl ùra
Ri sùgradh anns a' ghaoith.

O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam
Do chòmhradh anns an uair,
An fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh
Ri gleanntan glas a' chuain;
'S gur tric a's adhbhar caoinidh leam
A h-aon dhan d' thug mi luaidh,
Bhi às mo shealladh fad air falbh
Air bharraibh garbh nan stuadh.

O, leam bu mhiann a bhith san luing,
'S an stiùir a bhith nam làimh
An uair bhios muir gu nualanach,
Na glinn 's na stuaghan àrd,
A' brùchdadh barra-gheal fo a sròin,
'S le crònan seach a sail;
I 'g èirigh eutrom air gach tonn,
Is fonn oirre ri gàir'.

"O, òigeir ùir, nach èisd thu rium,
Ged 's mòr do spèis don chuan,
Cha mhair an òige daonnan,
'S 'n uair thig an aois le gruaim,
Gur bochd an obair seann-duine
Bhi mach fo ghreann nan stuagh
Fo chathadh geal nam bòc-thonna
Tro 'n oidhche reòdhta fhuair."

"O, ainnir dhonn, na sil do dheòir,
Mu bhròn nach tig a chaoidh.
Tha 'n Tì a' riaghladh air a' chuan,
Tha riaghladh cluaintean fraoich;
Is ged, a luaidh, a thriallas mi
Gu oirean cian an t-saoghail,
Le thoil-san thig mi sàbhailte
Gu broilleach blàth mo ghaoil.

Release date:

Duration:

4 minutes