Main content

Seumas Greumach - An Aitearachd Àrd

James Graham - The Surge of the Sea

An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd,
Tha torran a' chuain,
Mar chualas leams' e nam phàist',
Gun mhùthadh, gun truas
A' sluaisreadh gainneimh na tràgh'd,
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd.

Gach làd le a stuadh,
Cho luaisgeach, faramach, bàn,
Na chabhaig gu cruaidh
'S e gruamach, dosrach, gun sgàth.
Ach strìochdaidh a luaths
Aig bruaich na h-uidhe bh' aig càch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile seo tàmh.

'S na coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu bràth
Bha m' inntinn 's mo mhiann
A riamh air lagan a' bhàigh;
Ach iadsan bha fial
An gnìomh, an caidreabh 's an àgh
Air sgapadh gun dìon
Mar thriallas ealtainn roimh nàmh.

Seileach is luachair
Cluaran, muran is stàrr
Air tachdadh nam fuaran
'N d'fhuair mi iomadh deoch-phàit';
Na tobhtaichean fuar
Le bualan 's cuiseag gum bàrr,
'S an eanntagach ruadh
Fàs suas sa chagailt bha blàth.
.......

Ach siùbhlaidh mi uat;
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhàil;
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là;
An àm dhomh bhith suaint'
Am fuachd 's an cadal a' bhàis
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd àird.

Release date:

Duration:

4 minutes